SCOTS
CMSW

Document 1406

Conversation 44 - Gaelic: Light-hearted conversation between a mother and son in North Uist

Author(s): N/A

Copyright holder(s): SCOTS Project

Audio transcription

F980 [gàire]
M979 Uill bha mi a' coimead air a' Dè rud a bh' ann an sin? Live8. //Agus bha e gu math//
F980 //Uh-huh.// //Nach buidhe dhuibh!//
M979 //Bha e gu math blàth an sin// Bha sunburn air an amadan ud a tha a' seinn airson Razorlight co-dhiù
F980 Ciamar? //Oh cha robh sgath de.//
M979 //Chan eil sian a dh'fhios.//
F980 Cha robh sgath cha robh sgath aodach air an robh? //Bha e, bha e air striopadh.//
M979 //Cha robh cha robh. Bha e rùisgte.// Ach coltach ri nighean beag.
F980 [gàire] //Aidh, oh uill.//
M979 //Mmhm// //Tha e blàth gu leòr an seo co-dhiù.//
F980 //Chan eil fhios.//
M979 Tha e an dèidh a bhith nas blàithe na bha e, tha e.
F980 Oh cha robh, chan fhaca sinn grian idir. //Oh tha bruthainneach aca gun teagamh.//
M979 //Uill, tha i bruthainneach gu leòr, bruthainneach. Ma tha beagan colainn ort chan eil thu ag iarraidh bruthainn idir, tha thu// toilichte gu leòr dìreach. //Mar gum biodh, aidh feumaidh tha mi dìreach//
F980 //Oh aidh feumaidh sinne colann a chur oirnn fad a gheamhraidh//
M979 wasteadh away an seo.
F980 mar gum biodh na h-Eskimos tha sinn a' cur oirnn colainn fad na fad a ' gheamhraidh is an uair sin.
M979 Tha.
F980 Chan fhaigh sinn caoidhteas e fad an t-samhraidh, chan eil samhradh ann. //'son a bhith a' ruith//
M979 //[?]Uill[/?]// Chan eil. Ruith? Cuin a bha thusa a' ruith mu dheireadh?
F980 Oh uill. //Bidh feadhainn a' ruith. Bhithinnsa math gu leòr air.//
M979 //Airson tacsi fhaighinn?//
F980 coiseachd. [gàire] Nan rachachadh agam air coiseachd fhèin bhiodh e glè mhath.
M979 Aidh uill. Chan eil duine a' cur stad ort. //Trobhad?//
F980 //Chan eil, chan eil.// //Chan eil e.//
M979 //Go on.//
F980 [tarraing anail] //Chan eil ùine agam airson coiseachd. Tha mi a' dèanamh coiseachd gu leòr fad an latha//
M979 //Uill dè mu dheidhinn an t-sìde an-dràsta?// Aidh?
F980 Chan e chan e coiseachd ceart. //Mmhm//
M979 //Oh uill aidh.//
F980 [cnag] Biodh àite spòrs againn.
M979 Nam biodh aidh, uill tha an rud siud air [neo-shoilleir] nach eil? //Seòrsa de gym 's rud innealan neònach aca.//
F980 //Tha.//
M979 Daoine a' gabhail steroids 's rudan mar sin.
F980 Chan eil.
M979 Uill. //'S dòcha nach eil ach eh.//
F980 //Tha fhios nach eil.// //Mmhm.//
M979 //Chan eil mise ach ag ràdh an rud a tha mi a' cluinntinn air an sraid.//
F980 'S e emigrateadh a dh'fheumas tu a dhèanamh airson sìde mhath fhaighinn. Tha an t-sìde air atharrachadh air feadh an t-saoghail co-dhiù. [tarraing anail] //Tha i air atharrachadh sa h-uile h-àite.//
M979 //Eh? Oh uill tha.// Pailt cho math dhut fuireach an seo ma-tha.
F980 Eadar a' a h-uile rud a bh'ann am bliadhna eadar earthquakes 's. //Hurricanes.//
M979 //Oh uill fhad 's nach tèid sinn a Phakistan bidh sinn alright.// [gàire]
F980 Hurricanes. Bha droch droch hurricane againn fhìn toiseach na bliadhna.
M979 Tha. //Tha.//
F980 //Rinn i, rinn i mess gu leòr.//
M979 Ah uill aidh. //Rinn eh.//
F980 //Mmhm.//
M979 Uill dè mu dheidhinn an t-sìde a-màireach? Am faca tu forecast? //Aimisir.//
F980 //Airson a-màireach?// //Oh tha i.//
M979 //[?]Chan e[/?]//
F980 Tha sneachd a' tighinn.
M979 Uill chan eil an seo. //Aidh tha an t-uisge a' dol a stad timcheall sa timcheall,//
F980 //Tha mi a' smaoineachadh gun tig e, tha mi a' smaoineachadh gun tig e tarsainn.//
M979 timcheall dà uair feasgar no rudeigin mar sin. //Agus tha i a' dol a dh' fhàs alright fad a weekend. Tha ah aidh.//
F980 //Uill, tha i a' dol a chlìoradh feasgar an ann?// //Oh uh-huh.//
M979 //Bha i ag ràdh an-dè gum biodh gum biodh i a' clìoradh aig a sia ach eh.// Tha i actually chunna mi dìreach an sin e mus tàinig an tè seo //dhan taigh//
F980 //Uh-huh.//
M979 agus eh. Bha e ag ràdh gum biodh i a' clìreadh timcheall timcheall feasgar a-màireach.
F980 Dè uair?
M979 [leigeil anail] //Dà uair feasgar no trì.//
F980 //Mmhm// //huh//
M979 //Agus gun robh i a' dol a dh'fhàs nas blàithe cuideachd.// Eh seo an t-àite as blàithe san dùthaich. //Breatainn air fad//
F980 //'S e tha mi a' faicinn gu bheil.// [tarraing anail] Tha iad a' ràdh. Cha robh an temperature na b'àirde na freezing an Nottingham fad an latha an-diugh.
M979 Cha robh cha robh.
F980 Bidh iad air an rag reothadh an fheadhainn a tha shìos an sin.
M979 Bidh tha mi an dòchas [gàire]
F980 Oh na bi a' ràdh sin idir. Creutair. [tarraing anail] Tha tha a' chlann tha e a' còrdadh ris a' chlann co-dhiù a-muigh san t-sneachda is an fheadhainn a bha a' dol timcheall nam bùitean of-course chòrd e chòrd e riutha sin bha iad a'slaighdeadh thall 's a bhos.
M979 Bha bha. 'S e bhiodh math ge-ta beagan sneachd a bhith agad. //Dh'fhaoda-//
F980 //Ah uill bhiodh e na bu nàdarraiche na.//
M979 Dh'fhaodadh tu am freezer a chur dheth 's am biadh fhàgail a-mach air an starsaich.
F980 Oh.
M979 Beagan electricity a shàbhaileadh.
F980 [gàire] Cha b'urrainn dhut sin a dhèanamh. //Dh'itheadh na beathaichean a h-uile.//
M979 //Dhèanainnsa sin nam biodh// nam biodh eh //roghainn agam rud sam bith a thograinn a dhèanainn san taigh ach chan eil.//
F980 //Mmhm.//
M979 [gàire]
F980 Bhiodh e glè mhath dol timcheall na sales an-dràst.
M979 Dè na sales? //Beathaichean? [gàire]//
F980 //Sna bùitean.// Sales nam beathaichean.
M979 Oh uill. //Watch thu fhèin.//
F980 //Slaighdeadh san t-sneachda.// //Cha d'rachachadh agad cha b'urrainn dhut coiseachd fhèin an sin.//
M979 //Aidh chan eil fhios agam dè cheannaichinn-sa an sin.// //Cha b'urrainn no.//
F980 //Cha b'urrainn dhut even ruith airson tacsi.// //[gàire]//
M979 //Cha b'urrainn. Ice skates.// //Ach eh.//
F980 //A' falbh le grèim air a' bhalla a bhithinnsa.//
M979 Bhiodh. Deoch ort? //[gàire]//
F980 //Uill.//
M979 [gàire]
F980 'S dòcha gum biodh eventually. //[gàire]//
M979 //Aig na Sales. A h-uile duine a' gabhail deoch aig na Sales.//
F980 Chosgainn barrachd airgead. //'S dòcha.//
M979 //Uh-huh aidh aidh aig na Sales.// //'S dòcha gun ceannaicheadh tu top no rudeigin.//
F980 //Nan gabhadh sin a bhith.// Mmhm.
M979 Ah //aidh//
F980 //Chan eil fhios dè an còrr.// //Cheannaichinn rudan stupid.//
M979 //Uill tha gealach ùr gu bhith ann Disathairne so// //Ma bhios deagh shìde ann Disathairne tha e coltach gum bi deagh shìde ann fad a' mhìos sa tighinn.//
F980 //[tarraing anail] [leigeil anail]// //Eh eh oh tha agus.//
M979 //Aidh.// //Aidh aidh.//
F980 //Aidh ach ma bhios an t-sìde dona.// Dè th'ann mu dhèidhinn a //a' ghealach a bhios a' gabhail seachd bliadhnan dhen a' chaothach//
M979 //Droch shìde gu bhith ann.//
F980 Cò an tè tha sin?
M979 Sin an droch ghealach tha e coltach. //Agus.//
F980 //Cuin a bhios i sin a' tighinn?// //'S dòcha [?]gun tig i mach Oidhche[/?] Shathairne//
M979 //Chan eil fhios agam 's dòcha tha mi an dòchas nach bi i a' tighinn air a.// Oh cha chanainn.
F980 hmm chan eil mi cho cinnteach.
M979 Uill chì sinn co-dhiù tha i a' dol a dh'fhàs nas fheàrr so //Aidh tha mi ceart cho coma mu dhèidhinn an t-uisge fhad 's fhad 's nach bi i garbh//
F980 //Tha, thig an t-uisge an uair sin. Chan fhaigh thu mach air doras.//
M979 [?]horrible[/?]
F980 Chan fhaigh thu nigheadaireachd a dhèanamh.
M979 Gu leòr aodach againne. //Dh'fhaodamaid dìreach fhàgail//
F980 //[tarraing anail]// //Oh tha ma bhios tu airson an t-aodach agamsa wearadh.//
M979 //fhàgail salach.// //Uill aidh//
F980 //[gàire]// //Dh'fhaodadh tu sin a dhèanamh.//
M979 //caran mòr dhomh.// //[gàire]//
F980 //Caran mòr dhut? Oh uill.// [?]Chan fhaigh air ar n-aghaidh[/?] //Sin agad e.//
M979 //Aidh uill.// Dè mu dhèidhinn an rud a ghabh sinn airson dìnnear an-diugh?
F980 Dè mu dhèidhinn a' Christmas dinner?
M979 Uill bha sin math ach tha mise ag iarraidh bruidhinn mu dhèidhinn an rud don- an droch rud a bh' againn an-diugh an quiche ud. //Bha dùil agam gun d'fhuair thu na shuidheadh na shuidhe sa phàirc e no rudeigin mar sin.//
F980 //[?]Ach[/?] dè bha ceàrr air?// Hmm //[neo-shoilleir] bidh sinn gu math.//
M979 //Coltach ri.//
F980 Falbh timcheall a' coimhead airson rudan sa phàirce. Tha mi trang gu leor.
M979 Bha e rough dìreach. Co às an d'fhuair thu e?
F980 Anns a' Cho-op.
M979 [gàire] Carnan Stores. //[gàire]//
F980 //Chan ann.// Anns a' Cho-op a fhuair mi e. Bha e alright.
M979 Aidh.
F980 Chòrd e riumsa co-dhiù.
M979 Aye.
F980 Dè rud nach còrd riumsa. [boladh]
M979 Ah uill. Chòrd am mashed potato riumsa.
F980 Bha am mashed potato math.
M979 Aidh chuir mi chuir mi ìm ann. //Agus dè aidh agus beagan salainn//
F980 //Mmhm o an do chuir chan iongnadh ged a bhiodh e math.// //Aidh.//
M979 //[gàire]//
F980 Mmhm An do chuir thu bainne ann?
M979 Cha do chuir gu dearbha, carson a chuirinn bainne ann?
F980 Am faca tu an-raoir Still Game?
M979 Chunnaic.
F980 Am faca tu a' chailleach is bha i a' dèanamh bha i a' cur double-cream dhan. //Mashed potato aige an da thràill eile a bha siud.//
M979 //Oh aidh aidh chunna mi chunna mi sin aidh aidh aidh.// 'S e a bhiodh math. //[?]cuideigin[/?]//
F980 //Mharbh iad an turkey truagh mu dheireadh// //an fheadhainn a//
M979 //Oh bh- oh aidh aidh aidh mharbh.// 'S e na tramps.
F980 na aidh iad sin. //Uh-huh.//
M979 //Aidh.//
F980 Dèirce! //'S e a bha smart airson poille bheag.//
M979 //Ah uill.// //O 's e bha. A bheil e beò? ach gu robh iad, cuideigin dùil aca a mharbhadh co-dhiù so pailt cho math dhut a mharbhadh.//
F980 //[gàire] Uh-huh.//
M979 [tarraing anail] Ah uill aidh aidh co-dhiù. Dè mu dhèidhinn mar a tha Rangers a' cluich an-dràsta? Chan eil iad math sam bith.
F980 [tarraing anail]
M979 Gu h-àraid Love- uill tha Lovenkrands a' dèanamh alright an-dràsta.
F980 Tha ach tha e airson falbh on on team so sin as còireach gu bheil e //a' feuchainn ri bhith math an-dràsta feuch am faigh e transfer is tòrr airgead o team air choireigin eile.//
M979 //Uill aidh aidh// aidh. //Boireannach beag a th'ann co-dhiù.//
F980 //Oh.// Oh uill tha b'àbhaist dha bhith glè mhath an toiseach ach o cha robh player riamh aca cho math 's a bha Laudrup.
M979 Laudrup agus eh eh Ian Durrant. //'S e a bha math an uair sin mus do.//
F980 //Oh bha esan math cuideachd tha mar a thachair e// bha e mialach mar a thachair dha.
M979 Aidh mial- uill mialach aye bu chòir dha [neo-shoilleir] an duine eile a chrochadh.
F980 Oh thiochdaisean uill. //Cha robh e cha robh e duil- uabhasach duilich airson na rinn e ach dè nì thu dhe?//
M979 //Cha robh gu dearbha.//
F980 [tarraing anail] //Cuin a bha thu fhèin aig aig Ibrox mu dheireadh tha poille math ann a bheil?//
M979 //Oh.// Còrr is bliadhna. Tha e daor cò tha ag iarraidh //fichead nòt a phàigheadh airson//
F980 //Dè tha dè tha ticead airson// //na gèamaichean mòra mun tuirt iad na gèamaichean tha mi creids dà fhichead nòt a bheil?//
M979 //Oh uill. Ach uill.// //Rudeigin mar sin.//
F980 //Faisg air.//
M979 Chanainnsa co-dhiù gu bheil thu nas ma tha season ticket agad no rudeigin mar sin feumaidh tu. //Feumaidh tu 's dòcha season ticket a bhith agad airson an cuid as motha dhiubh//
F980 //Uh-huh.// //Dè tha i sin? An gabh sin mìle not?//
M979 //no tha thu.// Ah chan eil. //Five hundred no rudeigin mar sin tha mi a' smaoin- uil a- rèir 's càit a bheil thu ga faighinn ma tha thu sa mheadhan an sin.//
F980 //Five hundred?// //Uh-huh.//
M979 //Main stand tha e caran doirbh tè fhaighinn.// Ach e, aidh.
F980 Tha e cho doirbh ticead fhaighinn airson na gèamannan mòra co-dhiù. //Tha mi a' creidsinn.//
M979 //Tha sin an rud aidh aidh aidh.//
F980 Bidh iad uaireanan a' toirt seachad na ticeadan eile dìreach //aig a aig a//
M979 //Bidh aidh [neo-shoilleir]//
F980 aig an Underground an sin.
M979 Am bi?
F980 Bidh uill bidh iad a' feuch- bidh iad ga reic.
M979 Oh aidh aidh. //Oh uill.//
F980 //Chunna mi bha mi aig gèam// roimhe 's bha iad ga reic direach nuair a thigeadh tu a-mach. [tarraing anail] Cha robh ann ach team beag air choireigin a bha iad a' cluich so cha robh iad. Feumaidh nach d'fhuair iad caoidhteas na Feumaidh gun do cheannaich feadhainn tòrr ticeadan 's nach d' fhuair iad caoidhteas iad agus bha iad ag iarraidh cuideigin a cheannaicheadh iad. //[boladh] Mmhm.//
M979 //Ach cha toil leamsa idir a bhith a' feitheamh an sin airson a'// //underground nas motha.//
F980 //Oh tha e damainte an queue sin.//
M979 Tha. //Aidh chuireadh gu dearbha.//
F980 //Chuireadh sin dheth thu really.// Mmhm 's uair sin bidh an trèan fhèin cho packed 's
M979 Aidh aidh.
F980 Ma thèid do dhealadh on duine tha cuide riut 's caillidh tu duine sa chrowd 's //bidh eagal air duine a-niste falbh air an trèana sin co-dhiù.//
M979 //Tha thu nas fheàrr dìreach tha thu nas fheàrr dìreach coiseachd seachad air a' tha drochaid an sin faisg air a// //faisg air a' rud air an stadium. Chan eil sian a dh'fhios agam càit a bheil i.//
F980 //Oh aidh aidh. Oh cuimhne agad an t-astar cianail a choisich sinn latha 's//
M979 Aidh uill aidh ach tha drochaid ann eadar gu math faisg air an Armadillo an sin. //A' dol seachad air a' Chluaidh.//
F980 //Oh aidh aidh.//
M979 Chan eil sian a dh' fhios agam cà' bheil i.
F980 Oh faisg air an S. E.
M979 Footbridge ann drochaid coise. //Drochaid coise.//
F980 //Tha e faisg air an Conference Centre.//
M979 Aidh tha tha.
F980 Oh tha mi a' smaoineachadh gu bheil seòrsa de dh' fhios agam cà' 'eil sin.
M979 Aidh seo sin an dòigh as fheàrr sin. //Tha sin dìreach tha sin a' ciall- nach eil eh eadar am flat agamsa is Ibrox nach eil ach//
F980 //'S e// //Carson a bhios a h-uile duine a' falbh air an Underground ma-tha?//
M979 //'s dòcha mìle.// //Chan eil sian a dh' fhios aig duine mu dhèidhinn an drochaid ud tha e coltach ri//
F980 //[gàire]// Tha fhios gu bheil. //Aidh?//
M979 //Lion, the Witch and the Wardrobe no rudeigin mar sin.//
F980 Oh thia! //Bhiodh fhios agam fhìn ciamar a gheibhinn chun an Exhibition Centre sin a-rithist ach//
M979 //S-//
F980 [tarraing anail] //ma thèid thu a dh' àite feumaidh tu dìreach feuchainn air do rathad a dhèanamh air dòigh-eigin sin agad uilig 's e.//
M979 //Aidh.// //Sin an dòigh nach dìreach//
F980 //Cuimhne agad an turas a bha an Underground// dùinte oirrn. Bha strike ann.
M979 Bha aidh.
F980 'S b'fheudar dhuinn bus fhaighin 's panic cianail ann.
M979 Aidh aidh.
F980 Cha do rinn sinn ach a' chiad bus a stad 's //och bha an duine glè laghach.//
M979 //Ach tha busaichean 's dòcha gun do chuir iad barrachd busaichean air 's bha// Bhiodh barrachd busaichean air 's dòcha air sàilleabh gun robh strike air.
F980 Oh chan eil mi a' smaoineachadh gun robh. Hey 's bha na busaichean fhèin làn. //Feadhainn a' breabadh nan uinneagan shuas an staidhre 's.//
M979 //Bha aidh teth cuideachd.// //Oh aye aye.//
F980 //Bha e cianail.// //Bha teas ann a bha rough an latha a bha sin cuideachd. August a bh' ann.//
M979 //Aidh bha. Bha i gu math teth.// Fhài- droch fhàileadh sa bhus chanainn gun do. //Aidh aidh bha bha chanainn gun do chanainnsa gun ro chaill cuideigin a mhùn sa bhus.//
F980 //Droch fhàileadh?// Oh fhalbh! //[gàire]//
M979 //Air no an dà chuid.//
F980 Oh bò bòb! Tha sin cianail. //[tarraing anail]//
M979 //Rough dìreach.//
F980 Bhiodh an t-eagal ort a-niste falbh air an trèana cha mhòr co-dhiù na sin chan eil fhios agad dè tha a' dol a thachairt.
M979 Ciamar? Dè tha thu a' ciallachadh?
F980 Och dh'fhaodadh spreadhadh a bhith ann no rud mar sin. //Chan eil fhios agad.//
M979 //Dè dè dè dhèanadh spreadhadh?//
F980 Ah uill. Dè as àbhaist spreadhadh a dhèanamh bom na
M979 Oh aidh. //Cò.//
F980 //duine na.//
M979 Bom?
F980 Aidh dh' fhaodadh sin a bhith ann. //Glaschu pailt cho [neo-shoilleir] 's a tha e an àite sam bith eile.//
M979 //[neo-shoilleir]// Cò bhios a' cur bom ann am bu- ann an trèan?
F980 Oh duine sam bith a tha ag iarraidh duine a mha- daoine a marbhadh.
M979 Ciamar a dh'aithnicheadh tu fear dhiubh sin?
F980 Oh uil chan eil fhios agam cha ghabh iad faithneachadh. //Nam biodh nan gabhadh iad faithneachadh dh'fhaodadh tu chuirte tu stad orra.//
M979 //Oh uill.// //Sin an dòigh.//
F980 //Chan urrainn dhu iad siud aithneachadh.// Tha iad cho seòlta 's dòcha gun e //fàgaidh tu rud air an trèan 's gum falbh iad fhèin 's.//
M979 //Cò cò th'annta co-dhiù?//
F980 Chan eil fhios agamsa, daoine a tha airson daoine airson //daoine a mharbhadh air sàilleabh an rud a tha iad a' creidsinn ann, tha mi a' creidsinn.//
M979 //Ach.// Oh sin an rud dè tha iadsan a' creidsinn ann?
F980 [gàire] Dia tha brath rud a tha daoine eile a' creidsinn ann co-dhiù daoine a tha a' feuchainn ri //a' faighinn air adhart lem beatha.//
M979 //[?]Aidh[/?]// Tha mi a' tuigsinn a-nist.
F980 Sin uilig 's e.
M979 Aidh. Ah uill. Droch rud a tha sin co-dhiù. Cuimhne agad an rud a thachair ann an Lunnainn? //Mmhm.//
F980 //Oh bha.// Bha iad. Bha iad sin gu math seòlta chan aithnicheadh tu ach gun robh iad a' falbh air camping expedition. //leis a bh' aca de//
M979 //Aidh sin an rud.//
F980 [tarraing anail] rudan air an druim 's. //Chan urrainn dhut a h-uile duine a th'ann a stad.//
M979 //Aidh.// Aidh chan urrainn gu dearbha. 'S e dìreach an aon dòigh air 's e dìreach gun a bhith a' leigeil daoine air an tube. //Faodaidh daoine a bhith coiseachd.//
F980 //Oh uill cha d'rachainn fhìn air an tube an Lunnainn co-dhiù.//
M979 Carson?
F980 Oh thia tha e cho fada shìos fon talamh. Tha e cianail. //Bha mi ann aon trip riamh 's.//
M979 //Oh aidh.//
F980 Cha d'rachainn gu bràth tuilleadh ann. //Bha e salach 's bha e.//
M979 //Rachadh tu ann an Glaschu ge-ta.//
F980 Oh bha uill cha robh buileach cho chan eil sin ach aonan. An trèana a' dol timcheall. //Ann an circle fad an t-siubhail.//
M979 //Aidh.// Gu dè. //Dè tha a' tachairt//
F980 //Ach bha siud.//
M979 dè tha a' tachairt ann an Lunnainn ma-tha?
F980 Oh thiochdais tha de loidhneachan an sin 's iad os cionn a' chèile 's fo chèile 's ri taobh a' chèile 's. //Tha iad air feadh an àite. Astar ann a tha sgreamhail.//
M979 //Oh aidh dìreach coltach ri.// Dìreach coltach ri trèanaichean àbhaisteach ach gu bheil iad fon talamh an e?
F980 Aidh tha level ann 's docha grunn levels anns an aon train station feumaidh tu dhol sìos dhan ath level airson an ath loidhne 's. A-null pìos 's. [cnag] Od, rachadh tu air chall ann. //Oh [neo-shoilleir]//
M979 //Rachadh dh' fheumadh tu a bhith gu math eòlach air tha mi a' creidsinn.// //Mmhm.//
F980 //Oh cha d'rachainnsa idir ann co-dhiù bha e.// Bha bha chaidh mi ann [neo-shoilleir] es- tha fear na h-escalators a bha sin is cha mhòr nach robh e dìreach mar a tha an rud sinn ann an Alton Towers no cà dè chanas tu ris an //an t-àite a tha sin Oblivion//
M979 //Oh aidh aidh dè// Oblivion aidh.
F980 ris a bha e coltach leis cho cas 's a bha e o! No. Cha d'rachadh cha dèanadh an ceann agamsa stad an sin.
M979 Dè an escalator?
F980 Seadh. //Mar gum biodh direach a' dol straight sìos.//
M979 //Dè tha thu a' dèanamh dè tha thu a' dèanamh sna Buchanan Galleries ma-tha?//
F980 Dè oh uill chan eil iad sin oh. [gàire] [gàire] Tha iad sin math gu leòr. //Oh uill tha bha bùitean gu leòr an siud cuideachd ach.//
M979 //Oh aidh fhad 'sa tha bùth air taobh. Aidh.//
F980 Oxford Street fhèin gu math mòr.
M979 Bha. [neo-shoilleir] //A bheil e mòr?//
F980 //Oh leud.// //Aon taobh chun an taobh eile bhiodh e mar gum biodh tr-//
M979 //Oh leud. A bheil e cho fada ri ah//
F980 dà. Aon cheithir leud co-dhiù co-dhiù on aon taobh dhen rathad chun an taobh eile 's a bha na sràidean an Glaschu.
M979 Thia tha sin mòr.
F980 Mmhm. //Craobhan sa mheadhan.//
M979 //Agus an robh iad.// Cha robh rathad no dad aige. //[neo-shoilleir] san àite no an e pedestrians a bh'ann?//
F980 //[?]Bha[/?]// //pa- uill,//
M979 //[neo-shoilleir]// //daoine a' coiseachd.//
F980 //tha rathad ann am pàirt dheth.// //Aona cheann dheth bha.//
M979 //Oh aidh.//
F980 Cha robh an còrr ann ach cha robh ann ach daoine. //Mmhm.//
M979 //Aidh aidh.// Cuin a tha thu fhèin a' falbh a Ghlaschu an ath trup?
F980 Oh chan eil fhios 'am. Nuair a dh'fhàsas an t-sìde gu math. Tha i cho fuar.
M979 Tha tha.
F980 Cha tèid agam air falbh air a ferry.
M979 Ferrry?
F980 Aidh tha i cho garbh.
M979 Oh thiochdaisean! //Nach tu tha slack?//
F980 //Bidh mi a' cur a-mach.// //[gàire] O chan e//
M979 //Chan e sàr mharaiche a th'annad idir coltach ri Para Handy.//
F980 [gàire] chan e. [tarraing anail] Tha gu leòr dhiubh sin ann. Chan e mise tè dhiubh co-dhiù. //[doras a' fosgladh]//
M979 //Oh.// //Dè tha a' tachairt an seo?//
F980 //Shiud e.// //Chan eil fhios 'am gu deimhinne.//
M979 //[gàire] Aidh.//
F980 [tarraing anail] [leigeil anail]
M979 Ach eh. Air ais gu Rangers a-nis. //A bheil thu a' smaoin- a bheil thu a' smaointinn gun dèan iad dad sa.//
F980 //Oh aidh mmhm.// //Bha sinn sidetracked an siud.//
M979 //Bha bha, sian a dh' fhios agam dè bh a' tighinn a-staigh air an doras againn an e cù no dè bh' ann?// //Madadh.//
F980 //[gàire]// //Tss.//
M979 //Ach eh// Cò a-nist aidh dè tha thu a' smaointinn a thachras ma. //Dè? Dè tha tachairt?//
F980 //[?]Feumaidh[/?] tu an doras a dhùnadh.// //Aidh oir tha.//
M979 //An doras a dhùnadh?// //[?] I'll go and shut the door[/?] [gàire]//
F980 //Being eile a' tighinn a-nuas.// Mmhm.
M979 Ah. Dè tha thu a' smaointinn mu dhèidhinn an rud a tha mi a' dèanamh an-dràsta airson an University? Rud a tha mi a' cur timcheall, na ceisteachain. //Aidh aidh.//
F980 //Dè tha mise a' smaoineachadh dheth?// //Uh-huh.//
M979 //Lìon thusa a-staigh fear dhiubh mar-tha.// //Dè tha thu a' smaointinn mu dhèidhinn? An canadh tu gu bheil mi a' dol a dh'fhaighinn dad às no a bheil e a' dol a bhith alright?//
F980 //Oh chan eil fhios// agamsa, dè tha thu ag iarraidh fhaighinn às? //[boladh]//
M979 //Och.// Mmhm. [leigeil anail] Chan eil dad ach dìreach gu bheil mi ag iarraidh gun obraich e mach alright. //[neo-shoilleir]//
F980 //Uh-huh och tha mi a'smaoineachadh gun obraich.//
M979 Aidh aidh ma nì mi obair air a shon ma //mar gum biodh//
F980 //uh-huh dè na dè na tha thu air fhaighinn dhe na// ceist- //Ceisteachain sin air ais fhatha.//
M979 //Timcheall lethcheud, lethcheud.//
F980 An d'fhuair thu air ais lethcheud?
M979 Eh uill cha mhòr. Tha agam ri eh fear no dhà fhaighinn air ais fhathast shìos an Taigh a' Ghearraidh. Ach eh //Tha sin alright, gheibh mi gheibh mi air ais e gun teaghamh tha na daoine.//
F980 //Mmhm mm.// //Oh tha iad a' ràdh gu bheil iad a' dol ga dhèanamh oh uill.//
M979 //Fhios agad a lìon a-staigh iad.//
F980 [tarraing anail] Oh ma-tha 's e bith dè. Bha thu a' dol a dhèanamh agad an rud a bha thu a' dol a dhèanamh leis. //An uair sin//
M979 //Aidh aidh.//
F980 [boladh]
M979 Ach tha e gu math doirbh an taigh fhàgail an-dràsta leis an t-sìde cho dona seo. //An taigh fhèin cho blàth 's.//
F980 //Uh-huh. [gàire]// Oh tha. //Ach bh-//
M979 //Oh.// //Rudan air an telebhisean.//
F980 //Bidh.// an t-àite gu math blàth nuair a ruigeas tu.
M979 Dè an t-àite?
F980 Glaschu.
M979 Chan e sin a bha mi a' mineachadh idir ach an taigh fhàgail airson a dhol timcheall le na questionnaires //uh-huh.//
F980 //Oh aidh aidh, Oh.// //[gàire] Bha dùil dùil agamsa.//
M979 //Bha mi gu, bha fhios am gum biodh Glaschu blàth tha sin an-còmhnaidh blàth.// [neo-shoilleir]
F980 Cha bhi e. //Uill tha bidh e gu math fuar//
M979 //Eh? uill bidh Jo ann is bidh na heating air co-dhiù,// //bidh an heating air aig//
F980 //mmhm.// //Oh aidh oh tha e gu math doirbh an taigh fhàgail airson oh aidh.//
M979 //full-blast.//
F980 Tha e gu math doirbh an taigh fhàgail aison rud sam bith an-dràsta.
M979 Oh tha droch shìde.
F980 Feumaidh duine feumaidh tu a dhol a dh' obair so. //[?]Maybe[/?]//
M979 //Uill feumaidh tusa a dhol a dh' obair chan fheum mise dad.//
F980 Ach. //Tha e gu math doirbh èirigh sa mhadainn ma tha i dubh dorcha.//
M979 //[?]'S sgàth[/?]// //Aidh e tha e gu math doirbh.//
F980 //B'fheàrr leam fhìn gum fàgadh iad a// fàgadh iad an uair mar a tha i fad an t-samhraidh. 'S e gu math a b' fheàrr leamsa is bhiodh i //bhiodh soilleireachd aig duine sa mhadainn. Tha mi coma ged a bhiodh i dorcha feasgar.//
M979 //Aidh e ach an uair sin.// Aidh ach Mum tha sin dìreach cianail bhiodh i fàs dorcha aig half two.
F980 Mo thogair! //Uill b' fheàrr leam gum fàgadh iad a//
M979 //Mo thogair, sin a tha thusa ag ràdh ach dè mu dhèidhinn na clann clann bochd a tha aca ri tighinn a-mach às an sgoil.// //Uill.//
F980 //either aon dòigh no an dòigh eile.//
M979 Aidh tha e an aon dòigh an-drasta so dè ma dh'fhàgas sinn mar sin e?
F980 Uill. Cha thoil leamsa bhith dorcha a dh' innse na fìrinn cha thoil leam e bhith dorcha sa mhadainn is cha thoil leam e bhith dorcha feasgar so cha ghabh duine riarachadh co-dhiù.
M979 Fhalbh 's faigh taigh ann an. //Air a' ghr- air a' ghrian.//
F980 //Càite?// //Air a' ghrian [gàire] aidh bhiodh.//
M979 //[gàire]//
F980 Dè mu dhèidhinn an àite siud 's tha. Cà' robh Chris Tarrant an latha roimhe bha e air a' phrogram aige is bha e a' coimhead airson polar bears, cà' eil sin? //Antartic.//
M979 //Polar// //[neo-shoilleir] Feumaidh gur e àite gu math fuar a th' ann ma tha polar bears ann? Leig leatha smaoineachadh.//
F980 //'S e an Antarctic// //Uill bha a' ràdh rudeigin gum biodh//
M979 //Leig leatha smaoineachadh airson dreiseag bheag.// //Aidh.//
F980 //fad sia mìosan den bhliadhna gun robh dorchadas aca fad an t-siubhail// agus fad sia mìosan den bhliadhna gun robh soilleireachd aca fad an t-siubhail [?]Mhoire[/?] uill cha chòrdadh sin rium na bu mhotha. //Bhiodh an dorchadas fad an t-siubhail bhiodh e cianail.//
M979 //Uill ah sin bhiodh sin caran damainte fuar.// Aye aye bhiodh. //[?]Tha[/?]//
F980 //Fuachd ann a bha mighty an uair sin// //Oh aidh.//
M979 //Tha an t-àite a tha sin a' fàs caran neonach a-nis co-dhiù tha an deigh 's a h-uile dad aca a' leaghadh// //'s polar bears a' bàsachadh.//
F980 //Mmhm.// //A bheil?//
M979 //[neo-shoilleir]// Droch fhàileadh asda nuair a tha iad marbh.
F980 Oh thiochdais!
M979 An uair sin tha daoine a' fàgail an àite. //Air sailleamh an fhàileadh//
F980 //Mm.// Chan eil.
M979 [gàire]
F980 Nach sguireadh tu a bhruidhinn air an nonsense a tha sin.
M979 Dè?
F980 [gàire]
M979 Agus eh. Uill dè an ath rud ma-tha? Polar-bears. Dè rudan eile a bhios a' tachairt an sin?
F980 Càite? //Oh [?]aye[/?].//
M979 //An san Antarctic Esk- tòrr Eskimos ann.//
F980 Cò air a bha sinn a' bruidhinn? Oh bha mu dhèidhinn a //tha research agad.//
M979 //Research aidh sin an rud.// Aidh uill bidh mi deiseil dhe 's dòcha. //Bidh mi air a h-uile questionnaire fhaighinn ann an cola-deug is an uair sin bidh agam ri na interviews a dhèanamh.//
F980 //Mmhm mmhm.//
M979 An uair sin 's dòcha gum faigh mi grade air a shon //an dèidh sin. Tha agam ri interview fhaighinn leis an MSP fhathast.//
F980 //[tarraing anail] Oh aidh.// Cuin a tha thu cuin a tha thu a' cur a-staigh an gnothach sin airson a' mhark?
M979 Eh ann an dusan seachdain no rudeigin mar sin.
F980 Mmhm. //Agus a bheil exams eile agad ri dhèanamh a bharrachd air a.//
M979 //Tha tha ceithir exams agam ri dhèanamh.//
F980 A bharrachd air a
M979 Dissertation. //Tha.//
F980 //Oh Chruthaigheachd!//
M979 Ach chan eil ann ach, bidh iad furasda gu leòr is an uair sin bidh mi dìreach deiseil dhen a h-uile dad.
F980 Mmhm. //Feumaidh tu an dissertation agad a.//
M979 //Cuiridh mi orm aodach fancy airson an dealbh agus.//
F980 chrìochnacha- Feumaidh tu sin a chrìochnachadh co-dhiù co-dhiù? //Ach gheibheadh tu//
M979 //Feumaidh aidh.//
F980 gheibheadh tu passaigeadh gun gun a' bhliadhna seo idir? //Even ged nach dèana- even ged nach passaigeadh tu a' bhliadhna seo?//
M979 //gheibh aidh uill gheibhinn eh.// //Gheibhinn pass degree.//
F980 //rud a bhiodh tu air fhaighinn.// //An-uiridh mar gum biodh.//
M979 //Ach chan fhaighinn honours idir tha mi ag iarraidh honours fhaighinn.//
F980 Ah.
M979 Bidh e math fhèin. //Dh'fhaodainn.//
F980 //mmhm.//
M979 M'hounours a bhith agam an uair sin. //[gàire]//
F980 //Dè is gu an e am faigh thu currac an uair sin a chuireas tu ort?//
M979 Uill eh //Mam, chan chan eil mi a' cluich airson.//
F980 //Am bi agad ri currac a chur air?// //Chan eil eh.//
M979 //Alba idir [neo-shoilleir].//
F980 Currac //Am feum thu currac a chur ort, fear a tha siud an fheadhainn a mar gum biodh//
M979 //Feumaidh tu aidh.// //Eh och.//
F980 //am feum thu sin a chur air do cheann?//
M979 'S dòcha nach fheum mi sin a chur air mo cheann idir 's e dìreach optional tha siud. //Ach feumaidh mi//
F980 //Oh aye.// //Am feum thu cleòc a chur ort?//
M979 //mar gum biodh cleòc a chur orm.// //Sin math fhèin. Coltach ri eh Batman.//
F980 //Caped-crusader.// Uh-huh.
M979 Aidh.
F980 Sin agad e.
M979 Batman. //Agus Rob-//
F980 //Chan eil agad ach robin red-breast a bheir leat.// //[gàire]//
M979 //Aidh aidh.// //[neo-shoilleir]//
F980 //sa ghàrradh.//
M979 Och gu deimhinne chan eil mi a' dol a ghabhail sin idir. //Uh-huh.//
F980 //[gàire]//
M979 Aidh. Uff bidh sia mìosan. No còig mìosan mus bi mi deiseil dhen sin 's an uair sin bidh naoi mìosan ann mus fhaigh mi an cleòc agam is am pìos pàipear ag ràdh gun d'fhuair mi air passaigeadh.
F980 Oh aidh uh-huh.
M979 [?]Aidh[/?]
F980 Dè as coireach ris a sin? //Dè as coireach gu bheil e gu bhith a' toirt cho fada?//
M979 //Chan fhaigh chan fhaigh thu graduateadh gu// September no rudeigin mar sin. //Uill 's e, tha thu graduateadh ann am May ach chan fhaigh thu//
F980 //An e?//
M979 rud gu September.
F980 Nach fhaigh? //Bhiodh bhiodh feadh- oh an e? Bhiodh feadhainn a' falbh ann an July às a seo.//
M979 //Sin nuair a tha an ceremony aca.// //'S dòcha gu bheil mi ceàrr. Tha mise ceart cho coma fhad 's a phassaigeas mi.//
F980 //[neo-shoilleir]// Oh aidh mmhm.
M979 Dealbhan stupid.
F980 Oh faodaidh tu an dealbh agad a chur dhan phàipear.
M979 Oh thiochdais na bo. //A h-uile duine a' coimhead air. Cò an amadan a tha siud?//
F980 //[gàire]// Cha bhi iad a' ràdh sin idir.
M979 Bidh iad.
F980 Cha bhi. 'S dòcha, am faigh thu dealbh le dath innte? Colour photo?
M979 Mo chraiceann? //Aidh aidh.//
F980 //Chan e, an ann an dath a bhios an dealbh no an dubh is an geal?// //An dubh 's an geal a bhios sa phàipear.//
M979 //Uill ma tha ag iarraidh.// //Ma tha thu ag iarraidh tè dubh is geal, tha fhios gum faigh thu fear ach tha mi o tha iad tha iad dath innte sa phàipear cuideachd.//
F980 //Oh a bheil?//
M979 Tha. //Aidh.//
F980 //Sin e a-nist.//
M979 Tha a-nist tha.
F980 Cuin a thòisich sin?
M979 Bho chionn.
F980 Poille ann a bheil?
M979 Uill chan eil sian a dh' fhios 'am. //Aidh tha tha//
F980 //Dhà no trì bhliadhnaichean anns a bheil [neo-shoilleir] theid an ùine seachad.//
M979 A h-uile dealbh a tha mise a' faicinn co-dhiù 's e ann an dath a tha iad.
F980 Mmhm.
M979 Aidh.
F980 Tha Am Pàipear fhèin air tighinn air adhart gu math seach mar a bha e uaireigin.
M979 Uill chan eil fhios 'am mu dhèidhinn sin. [gàire]
F980 Uill. Huh. 'S ann le staples a bha e air a chumail le chèile an toiseach no le. //Aidh?//
M979 //Aidh uill chan eil fhios 'am dè cho math 's a tha i 's na sgeulachd 's rudan a h-uile dad mar sin.// //Ach [neo-shoilleir]//
F980 //Aidh chan eil ach an aon rud sa h-uile pàipear co-dhiù.//
M979 mìos mìos an dèidh an rud tachairt chì thu sa Phàipear e. //Uh-huh.//
F980 //Uill ach cuiridh e cuiridh e [tarraing anail] cuiridh e nad chuimhne 's dòcha an rud a bha thu air a dhìochuimhneachadh na.//
M979 Och chan eil iad ach a' bruidhinn mu dhèidhinn.
F980 Tha na pàipearan a-nist air tha an àireamh a tha iad a' reic dhiubh //air a dhol sìos air sàilleabh an internet.//
M979 //Aidh aidh tha a h-uile.// //A h-uile duine a' coimhead air an internet is air an telebhisean is rudan mar sin.//
F980 //Tha iad a' leughadh a' phàipeir an-diugh pàipear air an internet a-nist 'son a leughadh//
M979 Gheibh gheibh gheibh.
F980 mmhm.
M979 Chan eil duine sam bith a' ceannachd am pàipear a-nist ach airson firewood is rudan mar sin. //[gàire]//
F980 //Chan eil feum ac' air a sin fhèin. Chan eil teintean aig daoine broinn an taighe ann.// //A h-uile duine 's tha iad either all electric na.//
M979 //Oh chan eil.// Ola.
F980 Ola na.
M979 Gas //a' mhòine.//
F980 //Gas sin uilig 's a tha aig daoine a-nist chan eil iad airson dìreach.// //Chan eil mòine timch- chan eil.//
M979 //Sin [neo-shoilleir]//
F980 Cha aithne do dhaoine mòine a bhuain a-nist.
M979 Chan aithne. //Is beag an t-iongnadh.//
F980 //Cha robh iad airson a.// //Bha iad air an sgreamhachadh roimhe co-dhiù.//
M979 //Tha e gu math nas fhasa gu math nas fhasa cuideigin fhaighinn a-staigh is ola a chur dhan.// //Mach air a.//
F980 //Oh nach eil fhios gu bheil.// Nach robh uaireigin ann 's e latha mòr a bh' ann a' dol a bhuain na mòna.
M979 Cò? //Oh right.//
F980 //Latha mòr a bhiodh ann.// //'S e.//
M979 //Bha dùil 'am gu robh thu a' bruidhinn mu dhèidhinn.//
F980 Bha agad ri feannadh an-toiseach.
M979 Oh aidh.
F980 Sin mar gum biodh a' toirt dhi //a' chiad layer dhen//
M979 //Aidh// //Dè bhiodh tu a' dèan- dè bhiodh tu a' dèanamh?//
F980 //fraoch is feur is rudan [?]air[/?]// //cha robh ach ga shadail dhan bhonn airson gum biodh àite agad air an seasadh tu gu h-ìosal.//
M979 //Oh aidh aidh aidh.// //Uh-huh.//
F980 //'S an uair sin bha, dh' fheumadh tu a fàgail poille gus an tiormaicheadh am mullach aice beagan is an uair sin a' dol ga buain.// //Chan e gun do rinn mise riamh e.//
M979 //Aidh aidh.// //Aidh aidh 's ann.//
F980 //'S e fireannaich a bhiodh ris mar bu trice sna h-eileanan seo co-dhiù.//
M979 Dè bhiodh na boireannaich a' dèanamh ma-tha?
F980 Eh? //Oh bhiodh.//
M979 //Dè bhiodh na boireannaich a' dèanamh ma-tha aig a' mhòine?//
F980 Uill cha robh mise ri mòran gu- riamh ann bha. //Bhiodh bhiodh na creithleagan gam ithe nuair a rachainn a-mach ann.//
M979 //Oh aidh.//
F980 Dh'fheumainn a dhol dhan dotair airson bhiodh mo làmhan ag àt, nuair a bheireadh creithleag bìdeag àsam. Tha mi fhathast mar sin.
M979 Oh uill. //[neo-shoilleir]//
F980 //So bha mise a' faighinn a-mach às// //ann an dòigh.//
M979 //Aidh aidh.//
F980 Cha robh agam ri dhol gu mòine mòran riamh ach. An uair sin bha agad ri togail gus an tiormaicheadh i 's a toirt gu rathad. //A toirt dhachaigh ann an lòrraidh 's o thia//
M979 //Uh-huh.// //Saoil.//
F980 //'s e job a bh' ann.//
M979 Dè dè //a-nist//
F980 //Bha e an asgaidh.// Uh. //A' mhòine fhèin ach.//
M979 //Aidh aidh ach.// //Aidh an uair sin bhiodh ag bh' agad ri làithean a ghabhail dheth.//
F980 //Bha agad ri gu leòr obair a dhèanamh timcheall oirre. Bha.// //Mmhm.//
M979 //o ge bith dè bha thu a' dèanamh airson sin a dhèanamh.// Dh' fheumadh tu job a bhith agad //airson.//
F980 //Cha robh cha robh mòran// //rud ris an canadh tu nine to five jobs aig daoine an uair ud ann. Oh tha a-nist tha ach e//
M979 //Chan eil ach tha a-nist chan eil ùine aig daoine mòine a dhèanamh a-nist.//
F980 Tha an uair ud cha robh aig daoine ach croitearachd na ag obair dhaibh fhèin mar bu trice a bha a h-uile duine so bha cha robh iad a' call realy ach an ùine aca fhèin cha robh iad a' call airgead mar sin idir anns an obair aca fhèin. //Tha airson//
M979 //Aidh cha robh.// //Aidh.//
F980 //airson a dhèanamh so bha e gan cumail.// 'S e an aon rud a bh' aca airson an cumail blàth fad a' gheamhraidh airson còcaireachd 's a h-uile rud. [boladh]
M979 Dè bhiodh dè na rudan eile a bhiodh iad a' dèanamh nuair a bha thusa òg?
F980 Oh cha robh siud nuair a bha mise òg idir uill. //Bha electricity nuair a bha mise òg co-dhiù.//
M979 //[gàire]// Bha e ann? Dè an aois a bha thu nuair a thàinig e? //Aidh.//
F980 //Nuair a thàinig electricity dhan taigh seo?//
M979 Aidh. //Aidh aidh.//
F980 //Oh bhithinn mu sia bliadhna no mar sin.// Ach bha e //ann an àiteachan eile fada ron sin mun tàinig e dha na h-eileanan seo//
M979 //Aidh, aidh.// Cha robh sgath feum againne ge-ta bha sinne dìreach.
F980 uill. Chan eil fhios 'am dè bh' aca, tilly lamps.
M979 Aidh agus eh teine beulaibh teine dìreach meadhan an rùm agus toll sa.
F980 Oh cha robh sin idir ann bhon is cuimhne leamsa co-dhiù.
M979 Aidh.
F980 Uill. Stòbh ann gun teagamh.
M979 Dè na rudan eile a bhiodh iad a' dèanamh? Nach biodh. Mòine is cuideachd faochagan is rudan mar sin. //Tha iad fhathast ris a sin.//
F980 //Oh.// //Dè ag ithe faochagan? Oh.//
M979 //Aidh.//
F980 'S fhada bha sin. Cha do dh' ith mise faochagan oh no. //Oh tha tha is chan eil fhios agam de tha iad a' dèanamh leotha.//
M979 //Tha iad fhathast gan reic ge-ta. Gheibh thu airgead math orra a-nist.// Bha mi a' bruidhinn ri feadhainn is bha iad ag ràdh gum faigh thu tòrr mòr airgead //an-dràsta.//
F980 //Chan eil fhios 'am air thalamh cò tha gan ithe rudan sg-// //grànda//
M979 //Na Spàintich.//
F980 Obh //Oh cha ghabhainnsa [neo-shoilleir]//
M979 //Ithidh iadsan rud sam bith ge-ta.// //Aidh.//
F980 //co-dhiù.// [tarraing anail] Chan eil fhios agam dè chan eil fhios agam am bi iad ag ithe na h-uidhir sin dhiubh. Saoil am bi? Oh bidh iad gan ithe aig na Barraichean an Glaschu. //[neo-shoilleir]//
M979 //Bidh aidh is bidh iad a' cur.//
F980 Chunnaic mi bodach beag is rop air gan ithe. //Bha.//
M979 //Rop?// //Thiochdais//
F980 //Rop mu bheul.// [gàire] ag ithe faochagan oh.
M979 Cinnteach gun e faochagan a bh' ann?
F980 Oh 's e. 'S e a bha iad ag èigheachd a bh' ann co-dhiù.
M979 Thia dè bha iad ag èigheachd?
F980 Uill dìreach. //Whelks.//
M979 //Fao- Faochagan.// //Oh whelks aidh.//
F980 //Whelks a bh' acasan.//
M979 Oh uill. //Droch àite a tha sna Barraichean co-dhiù.//
F980 //Chan eil fhios o Dhia co às a thàining iad.// //Mm uill bha e gu math fuar nuair a bha mise ann.//
M979 //Chan eil dad ann a-nist ach.// Tha uh-huh. //Dè gheibheas tu ann co-dhiù dìreach aodach 's.//
F980 //[tarraing anail].// Aidh.
M979 Aodach 's batteries is rudan mar sin. //Aidh.//
F980 //Gheibh thu cards ann tha àite ann a bhios a' reic cards. Tha e glè laghach.// Tòrr baragain ann uaireannan.
M979 Mmhm.

This work is protected by copyright. All rights reserved.

The SCOTS Project and the University of Glasgow do not necessarily endorse, support or recommend the views expressed in this document.

Close

Cite this Document

APA Style:

Conversation 44 - Gaelic: Light-hearted conversation between a mother and son in North Uist. 2024. In The Scottish Corpus of Texts & Speech. Glasgow: University of Glasgow. Retrieved 3 December 2024, from http://www.scottishcorpus.ac.uk/document/?documentid=1406.

MLA Style:

"Conversation 44 - Gaelic: Light-hearted conversation between a mother and son in North Uist." The Scottish Corpus of Texts & Speech. Glasgow: University of Glasgow, 2024. Web. 3 December 2024. http://www.scottishcorpus.ac.uk/document/?documentid=1406.

Chicago Style

The Scottish Corpus of Texts & Speech, s.v., "Conversation 44 - Gaelic: Light-hearted conversation between a mother and son in North Uist," accessed 3 December 2024, http://www.scottishcorpus.ac.uk/document/?documentid=1406.

If your style guide prefers a single bibliography entry for this resource, we recommend:

The Scottish Corpus of Texts & Speech. 2024. Glasgow: University of Glasgow. http://www.scottishcorpus.ac.uk.

Close

Information about Document 1406

Conversation 44 - Gaelic: Light-hearted conversation between a mother and son in North Uist

Audio

Audio audience

Adults (18+)
For gender Mixed
Audience size 2

Audio awareness & spontaneity

Speaker awareness Aware
Degree of spontaneity Spontaneous
Special circumstances surrounding speech Participants asked to chat informally (chose to do so in Gaelic)

Audio footage information

Year of recording 2005
Recording person id 746
Size (min) 25
Size (mb) 123

Audio setting

Private/personal
Recording venue Participants' kitchen
Geographic location of speech North Uist, Western Isles

Audio relationship between recorder/interviewer and speakers

Acquaintance
Speakers knew each other N/A

Audio speaker relationships

Family members or other close relationship

Audio transcription information

Transcriber id 1169
Year of transcription 2006
Year material recorded 2005
Word count 6614

Audio type

Conversation
General description A mother and son in a light-hearted conversation on a variety of topics. These include the effect of the weather, their dinner, Rangers football-club, terrorist attacks, university life and a little on older customs.

Participant

Participant details

Participant id 979
Gender Male
Decade of birth 1980
Educational attainment University
Age left school 17
Upbringing/religious beliefs Protestantism
Occupation Student
Place of birth Stornoway
Region of birth Western Isles
Country of birth Scotland
Place of residence North Uist
Region of residence Western Isles
Country of residence Scotland

Languages

Language Speak Read Write Understand Circumstances
English Yes Yes Yes Yes
Gaelic; Scottish Gaelic Yes Yes Yes Yes
Scots No Yes No Yes

Participant

Participant details

Participant id 980
Gender Female
Decade of birth 1960
Educational attainment College
Age left school 16
Upbringing/religious beliefs Protestantism
Occupation Cook
Place of birth Glasgow
Region of birth Glasgow
Birthplace CSD dialect area Gsw
Country of birth Scotland
Place of residence North Uist
Region of residence Western Isles
Country of residence Scotland
Father's occupation Builder
Father's place of birth North Uist
Father's region of birth Western Isles
Father's country of birth Scotland
Mother's occupation Housewife
Mother's place of birth North Uist
Mother's region of birth Western Isles
Mother's country of birth Scotland

Languages

Language Speak Read Write Understand Circumstances
English Yes Yes Yes Yes
Gaelic; Scottish Gaelic Yes Yes Yes Yes
Scots No Yes No Yes

Close