| F982 | 
Si-. | 
| M981 | 
Sin agad e, dè bha dol agad co-dhiù? [gàire]
//Mm.// | 
| F982 | 
//Cha robh ach an àbhaist, dè bha dol agad fhèin?// | 
| M981 | 
Ach cha robh ann an seo ach eh coimhead air tunnagan is eh cearcan
aig mo nàbaidh Dòmhnall [CENSORED: sloinneadh] ann a sin dìreach 's | 
| F982 | 
Bha thu shuas sa mhadainn? | 
| M981 | 
bha.
//Bha iad ann a sin bha iad dìreach eh.// | 
| F982 | 
//An deach iad?// | 
| M981 | 
Tsk. [tarraing anail]
Tha iad a' dol às an rian na tunnagan beaga siud eh
[tarraing anail]
//bh-// | 
| F982 | 
//Cuin a chuir thu a-staigh feasgar iad? An robh thu fada gan cur a-staigh?//
//An robh i air dorchnachadh?// | 
| M981 | 
//bha. Bha i cho dorcha.//
//[tarraing anail]// | 
| F982 | 
//An robh?// | 
| M981 | 
Ach. eh
//[leigeil anail] Chaidh.// | 
| F982 | 
//An deach iad a-staigh? [gàire] An deach iad a-staigh math gu leòr?//
//[gàire]// | 
| M981 | 
//Chaidh iad a-staigh leotha fhèin.//
//oh cha robh// | 
| F982 | 
//oh An deach?//
//[tarraing anail]// | 
| M981 | 
//cha robh an aon ùpraid agam 's a bh' agam an oidhche roimhe idir// | 
| F982 | 
Sin agad e. | 
| M981 | 
a' falbh nam chlown
//as an dèidh. [cnag]// | 
| F982 | 
//Cuine eh cuine a tha e a' tilleadh?// | 
| M981 | 
Tha iad a' tilleadh a-màireach aig ferry mheadhan latha eh Barraigh
//gu Eirisgeidh.// | 
| F982 | 
//[?]Uill ma-tha[/?]//
Ma-tha faodaidh e fhèin an dèanamh an ath-oidhche.
//Feumaidh tu an leigeil a-mach sa mhadainn agus// | 
| M981 | 
//[?]Ma[/?]//
Feumaidh agus eh coimhead a bheil iad [?]far[/?] nach eil fear dheth na beathaichean a tha seo an dèidh bhith timcheall an seo, am ferret.
//[neo-shoilleir]// | 
| F982 | 
//[neo-shoilleir]// | 
| M981 | 
[?]ach cha d'fhuair e grèim air gin aca[/?]
//[tarraing anail]// | 
| F982 | 
//[tarraing anail]//
//Dè bha, càit an deach John Allen a-nochd an robh nach robh e a-bhos?// | 
| M981 | 
//[cnag]//
[slugadh]
Ah bha e trang eh
tha e ag obair leis an uidheam a tha seo eh.
Tha e a' dol a dhèanamh obair a-màireach eh
leatha agus bha aon rud beag cearr oirre bha e dol suas dhan a sead aig Robert eh
aig a bheil a' gharaids.
[tarraing anail]
Bha e dol a dhèanamh weldadh. | 
| F982 | 
Oh right. | 
| M981 | 
Cha b'urrainn dha tighinn a-nuas ach
cha robh cha robh ùine aige dìreach bha e
cur an gnothach air dòigh 's
uill mur a biodh e
deiseil airson madainn a-màireach
tha
//bha e a' call ùine is tha iad tha e rudeigin// | 
| F982 | 
//Uh-huh.// | 
| M981 | 
na h-uidhir aige ri dhèanamh. | 
| F982 | 
Dè rinn e dè rinn iad feasgar an dèidh bhith a' bùidsearachd? | 
| M981 | 
Chaidh iad a Sholas.
Chaidh iad eh dhan a-
an t-àite seo a tha iad ag obair air a-màireach
[tarraing anail]
feuch an robh
gnothaichean ceart.
[tarraing anail]
Shioft iad an uair sin ehm an digger beag tha siud an kabuto aca.
[tarraing anail]
Ach b'fheudar dhan ghille òg Stiùbhart a bhith dhachaigh ro
tsk [tarraing anail]
shia uairean oir tha a mhàthair eh
dol a chur fear de na h-ùrlair fiodh tha sin, bha e air a chuir sìos
[tarraing anail]
dh'fheumadh e sgrìobadh is sandadh agus cha robh duine
[tarraing anail]
tha ri faighinn a-mach no staigh
//bha a bha a phiuthar a' dol suas dhan eh// | 
| F982 | 
//Oh.// | 
| M981 | 
[tarraing anail]
dè an t-ainm a th'agad oirre Stepping Stones, tha i ag obair ann, cha bhi i staigh gu dhà no trì sa mhadainn
na bha an doras dùinte bha iad ga ghlasadh dh'fheumadh e sin ach eh
tha dol sìos dhan fhiodh
's an uair sin eh. | 
| F982 | 
'S dòcha gun robh e dol ga varnisheadh
//no rudeigin.// | 
| M981 | 
//Sin agad e dìreach bha e a' cur//
//dà chòta varnish air.// | 
| F982 | 
//Oh ma-tha chan fhaodadh//
//duine sam bith seasamh air airson dreiseag.// | 
| M981 | 
//Tha//
//so sin agad a- chunna mi dìreach mu chòig uairean e [neo-shoilleir].// | 
| F982 | 
//An e athair a thàinig a-nuas ga iarraidh, an e?// | 
| M981 | 
'S e, thàinig e nuas leis a mherc.
//[tarraing anail]// | 
| F982 | 
//A ghràidhein!// | 
| M981 | 
Mmhm bha mamaidh ann cuideachd ehm
[cnag]
a' dèanamh [neo-shoilleir]. [tarraing anail] | 
| F982 | 
Bha Anne fada gun faighinn as a' Cho-op.
Nuair a bha sinne a' falbh dhan bhùth feasgar aig.
Cuin a bha e? Bha e twenty-five to six no rudeigin.
Dìreach air an taigh fhàgail nuair a nochd Anne
a' tighinn a dh'iarraidh plangaid na tè bheag. [gàire]
//[tarraing anail] Agus bha i a' ràdh 's ann an uair sin a bha i tilleadh as a Cho-op.// | 
| M981 | 
//[cnag] Dè?//
//Nach robh e neònach? Bha mise cur na tunnagan a-staigh an dèi-an dèidh bhith shuas agad fhèin// | 
| F982 | 
//[neo-shoilleir] [?]agad[/?].//
//'S ann aidh bha i dorchnachadh.// | 
| M981 | 
//'s chaidh mi sìos bha an sead fosgailte is an gnothach tha sin eh.//
Bha John Allen an dèidh bhith shios aig a' chrodh leis eh nuts.
Bha e a' coimhead air an laogh,  fhios agad? Eh.
//Chuala tu gun robh laogh// | 
| F982 | 
//Oh Chuala mi gun robh laogh beag ann an-diugh.// | 
| M981 | 
hmm fear boireann chan eil e ro thoilichte idir. | 
| F982 | 
Och uill chan eil ann ach. | 
| M981 | 
Ach uill tha e beò co-dhiù 's e.
'S e fear fireann a b'fheàrr leis.
Chuala tu mar a thuirt an gille aig Aonghas Òg gun e
[tarraing anail]
tha fear ehm boireann a b'fheàrr leothasan. | 
| F982 | 
Oh 's e  och uill.
//[tarraing anail]// | 
| M981 | 
//[tarraing anail]//
//tsk// | 
| F982 | 
//Tha, bha Anne bha i ràdh gun do thadhail i staigh aig na [CENSORED: sloinneadh] an Solas agus chaidh i dhan Cho-op agus chan fhaigheadh i dìreach gluasad le daoine bha i ràdh gun robh e dìreach brònach.// | 
| M981 | 
Bha dùil agamsa falbh ann an-diugh cuideachd ach bha mi a' cantainn rium fhèin
[tarraing anail]
ha mo chasan thèid mi ann a' chiad rud madainn a-màireach. | 
| F982 | 
Tha mi a' smaoineachadh 's dòcha gun e sin a nì mise.
//A-màireach cuideachd.// | 
| M981 | 
//Tha e a'fo- tha e a' fosgladh aig leth uair an dèidh a h-ochd.// | 
| F982 | 
Oh a bheil?
//Oh// | 
| M981 | 
//Aidh oh tha.//
//Uh-huh .// | 
| F982 | 
//dhia cha robh dad a dh'fhios agam.//
//[neo-shoilleir] aig naoi uairean bha e fosgladh.// | 
| M981 | 
//Fosgladh an uair sin so.//
//Ehm// | 
| F982 | 
//[casad]//
//Och ma-tha// | 
| M981 | 
//Dìreach beagan ghoireasan fhaighinn feumaidh sinn beagan [tarraing anail]//
//tha gun teagamh aidh// | 
| F982 | 
//stores fhaighinn a-staigh airson na Bliadhn' Ùire.// | 
| M981 | 
dìreach beagan deoch leann is
[tarraing anail]
gnothaichean mar sin chan eil fhios agam dè leann a gheibh mi tha iad  eh
[tarraing anail]
h-uile duine
//different. 'S e.// | 
| F982 | 
//Cider as motha tha daoine ag ol a-nis.//
//Magners.// | 
| M981 | 
//Tha e air a dhol dha na ciders sùgh nan ùbhlan tha e dìreach.//
[tarraing anail]
//Ach ehm tha mi fhèin coma co aca gabhaidh mi cider agus gabhaidh mi eh// | 
| F982 | 
//[?]Ach[/?].// | 
| M981 | 
tsk
Velvet, Velvet as fheàrr leamsa san taigh-sheinnse ma tha e air a dhèanamh ceart.
//Aidh?// | 
| F982 | 
//Bha sinne null dreiseag bheag a-nochd.//
//Ach an dèidh bhith sa bhùth cha do rinn ach sinn cha robh sinn ann ach mu lethuair.// | 
| M981 | 
//Uh uh-huh.// | 
| F982 | 
Bha Donaidh an ath-dhoras, bha e staigh 's bha
[tarraing anail]
//sin agad really na bha staigh fhad 's bha sinn ann.// | 
| M981 | 
//Oh mmhm.// | 
| F982 | 
Tha [CENSORED: ciad-ainm] a' cluich ann a-nochd is bha e air a
//[tarraing anail]// | 
| M981 | 
//[tarraing anail]// | 
| F982 | 
guitars is h-uile dad a bh' ann air a sheatadh suas airson a-nochd 's ann a bhios an racket! | 
| M981 | 
B'fheàrr leam mi fhèin a sgrìobadh seach a dhol a dh'èisteachd ris an duine tha sin a-rithist cha do chòrd e rium idir na chuala mi
an oidhche bha sin an Caranis.
//Ach bidh e trang aidh. Chan eil no.// | 
| F982 | 
//Bidh e trang a-nochd. Chan eil dad eile a' dol chan eil dannsa an Caranis no dad so. So.//
//Bidh e busy busy.// | 
| M981 | 
//Mmhm.// | 
| F982 | 
Am faca tu sgeul air [?]gille Chaluim Seonaidh[/?] nuair a bha thu tighinn a-bhos?
[tarraing anail] | 
| M981 | 
Cha tàining ach fhuair mi tha beagan
//[tarraing anail]// | 
| F982 | 
//[tarraing anail]// | 
| M981 | 
[neo-shoilleir] tha an nurs a' dol a dhèanamh a' ghnothaich comhla ris. | 
| F982 | 
Oh och ma-tha.
//Och ma-tha.// | 
| M981 | 
//Mmhm.//
//[neo-shoilleir]// | 
| F982 | 
//A bheil iad a' dol ga dhèanamh a-màireach?//
//[neo-shoilleir]// | 
| M981 | 
//Chan eil na a-nochd!//
//Uill eh bha// | 
| F982 | 
//Oh a-nochd tha iad dol ga dhèanamh?// | 
| M981 | 
ehm.
Nuair a bha mise shuas an dèidh na cearcan a dhèanamh chaidh mi dìreach sgrìob sìos dhan a-
[tarraing anail]
sead far an robh an gnothach againn agus eh bha John Allen an dèidh bhith shìos aig a' chrodh.
[tarraing anail]
Bha e a' cantainn gun robh iad a' dol g- ga dhèanamh iad fhèin.
[slugadh]
//[neo-shoilleir] iadsan// | 
| F982 | 
//Oh ma-tha.//
Oh dìreach.
Bidh e gu math fuar aca a-nochd a-staigh an siud.
[boladh] [leigeil anail]
Chan eil fhios de an t-sìde a th'oirre airson a-màireach a bheil i gu bhith tioram na. | 
| M981 | 
[slugadh]
//Chan eil dìreach// | 
| F982 | 
//Chan fhaca mi forecast no dad a-nochd.// | 
| M981 | 
Nach eil mise chan eil mi an dèidh bhith a' coimhead eh
[tarraing anail]
forecast.  Bha mi ag èisteachd ri na Gaelic eh.
[tarraing anail]
Dùrachdan, Na Gaelic Requests.
//Ah  uill.// | 
| F982 | 
//Cha chuala mi dìreach ach aonan no dhà.// | 
| M981 | 
Bha request dhut fhèin ann is dhomh fhèin eh
//[?]rud a bha[/?]// | 
| F982 | 
//Cha chuala mi idir. An robh i dhan teaghlach uile?//
//[casad]// | 
| M981 | 
//bha dìreach a h-uile duine a bhoinneas dhuinn.//
[tarraing anail] | 
| F982 | 
An robh thu? Cuine a bha thu a' bruidhinn riutha an Inbhir Nis? | 
| M981 | 
eh a' bruidhinn ri Seonag a-nochd eh airson poille beag eh dìreach bha i, 's i bha a' gabhail feadhainn dhe na dùrachdan.
[tarraing anail]
//Ach eh// | 
| F982 | 
//Cha robh mise a' bruidhinn ris a' chailleach a-nochd idir, cha do dh'fhòn mi idir. Chan eil fhios agam a bheil i cho fuar aca a-nochd 's a bha i a-raoir.//
[tarraing anail]
//[casad]// | 
| M981 | 
//Bha i gu math fuar aca a-raoir, bha Seonag a' cantail eh.//
[tarraing anail]
Cus na b'fhuaire na bha i ann a sheo aidh ehm.
[cnag]
//[tarraing anail]// | 
| F982 | 
//Bidh iad, a' chailleach 's dòcha gun robh i dol a-mach dha na bùitean an-diugh i fhèin 's.//
[tarraing anail]
Chan eil fhios am an robh Màiri Bheag a' dol còmhla rithe tha mi a' credsinn gum biodh tha i air holidays a-nis gu
//chan eil fhios agam Dimàirt no Diciadain tha i dheth fad na Bliadhn' Ùire-sa.// | 
| M981 | 
//Bha.//
Sin ceart tha iad eh.
//Tha iad a' dol dhan ospadal.// | 
| F982 | 
//A bheil iad a' dol gu dannsa oidhche Disathairne no rudeigin?//
//Oh dhan ospadal?// | 
| M981 | 
//Agus tha iad air//
uill 's e rudeigin mu dhèidhinn ospadal a th'ann.
//[neo-shoilleir] tha iad eh// | 
| F982 | 
//Oh right.//
[casad] | 
| M981 | 
Tha iad cha chreid mi nach eil taxis aca. | 
| F982 | 
Oh ghràidhein!
//Oh ma-tha.// | 
| M981 | 
//Tha e coltach gu bheil an fheadhainn eile a' dol sìos dhan Òban.//
[tarraing anail] leigeil anail
Tha Seonaidh, Seonaidh Shep 's iad sin, gu bheil iad a ' falbh air a second
an dara latha.
//Tha// | 
| F982 | 
//Oh right.// | 
| M981 | 
gu bheil e a' dol dhan Òban a choimhead air cuideigin.
[tarraing anail]
//Bha tha iad càirdeil ris.// | 
| F982 | 
//Oh tha tha.//
//Tha fear a bha ag obair còmhla ris nuair a bha e nach e fea-// | 
| M981 | 
//[neo-shoilleir]//
//An e sin am fear a th'ann.// | 
| F982 | 
//nuair a bha e muigh air na bàtaichean aidh//
mmhm tha mi a' smaoineachadh gun e
//[?]badeigin no àiteachean[/?]// | 
| M981 | 
//Aidh sin a sin a chuala mi ach eh//
//carson a bha e a'cantail rium gun robh e a' falbh air an dara latha idir? [tarraing anail]// | 
| F982 | 
//san Òban.// | 
| M981 | 
an dèidh bhith a-mach ach tha iad air an inntinn a dhèanamh suas so chan urrainn dhuinn
//cus cus a chanail mu dhèidhinn.// | 
| F982 | 
//Sin agad e och ma-tha.//
//[tarraing anail]// | 
| M981 | 
//[tarraing anail]//
//Sin agad e so.// | 
| F982 | 
//Sin agad e a-nist.// | 
| M981 | 
Dè na ghabh thu dhan
[tarraing anail]
//an fheòil a bha sin a-nochd? An do lìon thu thu fhèin?// | 
| F982 | 
//Ghabh tuilleadh 's a chòir. Lìon.//
//Agus tha rud air fhàgail.// | 
| M981 | 
//[slugadh]//
Tha i tha i blasta. | 
| F982 | 
Tha i a h-uile dad dheth.
//Tha i math dhà-rìreabh. Thug mi// | 
| M981 | 
//[tarraing anail]//
//'S e call// | 
| F982 | 
//pìos beag do Robert an-diugh//
//'s thug mi pìos do Dhò do Dhòmhnall Seumas cuideachd nuair a bha e shuas bha Dòmhnall Seumas nuair a bha e shuas a' dèanamh na bales a bha siud feasgar so thug mi pìos dhasan so.// | 
| M981 | 
//uh-huh och aidh aidh//
//[srùbadh]// | 
| F982 | 
//Tha tòrr nach do chuir mi dhan freezer fhathast tòrr cha do//
//cha do thoill mi dhan freezer// | 
| M981 | 
//rinn mise [?]Niall is Anndra[/?].//
//[neo-shoilleir]// | 
| F982 | 
//mmhm.//
//Chunnaic mi in in fact e nuair a. Chaidh.// | 
| M981 | 
//Chaidh e seachad ach bha an càr bha an càr làn aige.//
//Aidh 's e// | 
| F982 | 
//Agus bha mi air a flagadh sìos mur a b'e is thug mi an aire gu robh cha robh fhios am cò bha sa chàr an e an nighean 's a//
//eh 's a [neo-shoilleir].// | 
| M981 | 
//an nighean 's a na Cnapaich.//
//Mmhm.// | 
| F982 | 
//Bha mi a' smaointeachadh sin.// | 
| M981 | 
'Se call a th' ann nach eil ar caraid ann an seo a' dèanamh eh
[tarraing anail]
an gnothach tha sin nach itheadh i feòil mairt na.
[tarraing anail]
'S e glasraich a a bhios i ag ithe nach e?
[tarraing anail]
Tha i an sin a' cumail eh cluas eh
ri claisneachd.
//Uh-huh.// | 
| F982 | 
//Sin agad e.//
//[tarraing anail] [neo-shoilleir]// | 
| M981 | 
//[tarraing anail]//
//A bheil? Tha iad shuas à Steòrnabhagh?// | 
| F982 | 
//Tha tha na [CENSORED: sloinneadh] an ath-dhoras tha iad a-staigh airson na Bliadhn' Ùire//
uh-huh thàinig iad. | 
| M981 | 
Co? An tàinig eh an teaghlach uilig? | 
| F982 | 
Thàinig.
//Zena 's// | 
| M981 | 
//A bheil Zena cho snog 's a bha i riamh?// | 
| F982 | 
Zena 's Donaidh 's. An e Donaidh a th' air? 'S e. | 
| M981 | 
'S e. Donaidh [CENSORED: sloinneadh] aidh.
//Agus an dà an nighean is an gille// | 
| F982 | 
//Donaidh. [casad]//
//[?]Cha robh[/?] Donaidh an dèidh bhith gu math.// | 
| M981 | 
//[tarraing anail]//
//Chan eil fhuair e. Cha robh for agam idir// | 
| F982 | 
//Bha e suas ri bliadhna far obair.//
Cha robh na agamsa chun an oidhche roimhe gus an tuirt Donaidh rium gu robh e.
//[neo-shoilleir]// | 
| M981 | 
//Na chuala mise an gnothach bha sin ach//
's ann a dh'fhòn mi null gu Aonghas is Katie Mary
's thuig mi gur e Donaidh aca fhèin a bh' ann.
[tarraing anail]
Cò fhreagair a fòn ach Donaidh fhios agad Donaidh [CENSORED: sloinneadh]
[tarraing anail]
òg.
's thuirt iad dè coltach gun e 's e oh bha
[srùbach]
an t-eanchainn
//mmhm aidh?// | 
| F982 | 
//Tha mmhm aneurism no rudeigin is tha e an dèidh bhith far//
[tarraing anail] tha e an dèidh bhith far obair o chionn treiseag.
'S tha Iain beag a' falbh tha e a' falbh Di- Dimàirt.
//Tha e a'// | 
| M981 | 
//Iseag.// | 
| F982 | 
Tha e a' feuchainn Iain Beag [CENSORED: sloinneadh].
//Uh-huh. Chan e.// | 
| M981 | 
//Oh chan e am fear beag sea- chan e Iseag idir?// | 
| F982 | 
Tha e a' falbh a tha e a' falbh a Bhirmingham. | 
| M981 | 
[slugadh]
//Aw// | 
| F982 | 
//Tha e a' dol sìos airson seachdain.//
[tarraing anail]
//Sin agad e.// | 
| M981 | 
//ah uil [?]chur sin uibhreachd air[/?].// | 
| F982 | 
Tha Donaidh air ga bheir a dh'Inbhir Nis is tha e faighinn.
[tarraing anail] | 
| M981 | 
'S dè tha dol am Birmingham? A bheil? eh | 
| F982 | 
Tha e a' dol sìos air a phlèan.
//Gu a mhàthair.// | 
| M981 | 
//ach gu an e a  mhàthair [neo-shoilleir]//
//[?]scrubber[/?]. [tarraing anail]// | 
| F982 | 
//Aye mmhm [tarraing anail] airson seachdain.//
//[cnag]// | 
| M981 | 
//[gàire]// | 
| F982 | 
So sin agad a-nist.
//Mar a tha.// | 
| M981 | 
//Mm oh uill. [tarraing anail]//
B'fheàrr leamsa huh.
//esan na mise.// | 
| F982 | 
//Eh hmm//
oh uill dìreach.
//A bheil thu do- A bheil thu dol còmhla ri John Allan a-màireach?// | 
| M981 | 
//[tarraing anail]//
[tarraing anail]
//Chan eil mi smaoineachadh gu bheil// | 
| F982 | 
//Chan eil?//
//'S dòcha gum bi Stewart a bhos còmhla ris a bheil.// | 
| M981 | 
//tha.//
Tha Stewart eh
bhos cha ruig mi nach eil Kenny tha e
gus a bhith 's ann an Solas a tha iad ag obair | 
| F982 | 
Oh right. | 
| M981 | 
erm
//tsk// | 
| F982 | 
//Oh ma-tha// | 
| M981 | 
an àite aig gille Dhòmhnaill Dhonnchaidh.
//Aidh// | 
| F982 | 
//oh tha rud an taighe rud eh an taighe//
//tha cur re- rathad ann a bheil?// | 
| M981 | 
//tha cur sìos stè- chan e stèidh ann eh found.//
//Tha.// | 
| F982 | 
//[casad]// | 
| M981 | 
An taigh seo a th'aca ri dhèanamh leis a' mixer tha siud so. | 
| F982 | 
A bheil thu dol suas a Dhruim Torrach an ath-oidhche? | 
| M981 | 
Chan eil fhios am.
Meantairig mi. | 
| F982 | 
Ciamar? | 
| M981 | 
Fàs car sean airson an obair tha sin.
//[srùbadh]// | 
| F982 | 
//Sin agad e.//
//Cha bhi iad fhèin a' carachadh a-mach co-dhiù.// | 
| M981 | 
//[gàire]//
//Chan eil ah mi smaoineachadh gum bi dìreach smaoineachadh. Dè tha sibh fhèin a' dèanamh? A bheil sibh a' dol suas?// | 
| F982 | 
//Cha chanainn gum biodh [neo-shoilleir]//
dìreach chan eil dad a dh'fhios am. Tha Robin ag obair gu bha mi bidh aon chan eil fhios 'am, bidh e aon uair deug mus bi e deiseil an ath oidhche so.
//Tha Westford fosgailte gu dà uair sa mhadainn// | 
| M981 | 
//Ach tha mi a' smaoineachadh gun e sin//
tsk ach cha
//mm.// | 
| F982 | 
//is tha an dannsa sin sa hall an ath-oidhche uill tha sin a' toiseachdainn aig aon uair deug ach//
och chan eil dad a dh' fhios am cha do dh' i- cha do rinn sinn suas ar inntinn dè tha sinn dol a dhèanamh?
//Agus [casad]// | 
| M981 | 
//Tha mise car mun aon rud eh//
//'s dòcha gun tèid  eh// | 
| F982 | 
//[casad] tha e depeandadh dè an t-sìde a th' ann.//
//[neo-shoilleir]// | 
| M981 | 
//tha dìreach eh//
//tha na tsk.// | 
| F982 | 
//Cha bhi daoine fada nan taigh idir// | 
| M981 | 
Och uill tha mi a' smaoineachadh eh
[tarraing anail]
gu robh de-
na [CENSORED: sloinneadh] 's dòcha Uilleam
//[tarraing anail] [?]I think[/?]// | 
| F982 | 
//Oh of course bidh iad sin [tarraing anail]// | 
| M981 | 
Alasdair Mòr is iad sin ach chan eil fhios agam ciamar a tha e.
[tarraing anail]
//Aig an àm tha sin eh.// | 
| F982 | 
//Saoil a bheil//
//an nighean a bheil  i an Loch nam Madadh no am bi i staigh còmhla riutha?// | 
| M981 | 
//Chan eil fhios agam dìreach dè tha tachairt idir.//
Tha mar a tha a' Bhliadhna Ùr a-staigh is tha iad aig a
//àm tha sin. Ah tha iad sin rudeigin// | 
| F982 | 
//[neo shoilleir]// | 
| M981 | 
[tarraing anail]
faiceallach.
[tarraing anail] | 
| F982 | 
Ach 's dòcha gum bi e sin co-dhiù ma tha na beathaichean aige a' tòiseachdainn air breith 's dòcha nach bi e. | 
| M981 | 
Fhad 's nach eil am beathach aige fhèin [neo-shoilleir]
//[gàire]// | 
| F982 | 
//Oh uill ma-tha.//
//Cò aige bhios fios air a sin.// | 
| M981 | 
//[tarraing anail] uh-huh.//
//[neo-shoilleir]// | 
| F982 | 
//Sin agad a-nist.//
//[tarraing anail]// | 
| M981 | 
//Tha.//
//Sin agad e dìreach.// | 
| F982 | 
//Oh ma-tha.// | 
| M981 | 
tsk
//'S a' chiad laogh aig John Allen an-diugh eh// | 
| F982 | 
//[neo-shoilleir]//
//Tha gu dearbha. Oh cha tuirt e guth an robh e shìos a' coimead air a-raoir na an robh for aige gun robh i cho faisg air breith// | 
| M981 | 
//laogh bha och bha bha bhi i Dh'fhàg e an geata fosgailte airson gum faigheadh e//
sìos eh bha e shìos tràth an-diugh
//eh.// | 
| F982 | 
//Oh right.// | 
| M981 | 
Laogh snog boireann.
//tsk [tarraing anail]// | 
| F982 | 
//[slugadh]// | 
| M981 | 
Ach cha robh e | 
| F982 | 
Saoil an deach e sìos an dèidh dhuinne falbh às an-raoir?
//An deach e sìos a choimhead oirre?// | 
| M981 | 
//oh dh'fheuch, chaidh.//
//[tarraing anail]// | 
| F982 | 
//Oh ch- cha tuirt chan e gun tuirt e dad.// | 
| M981 | 
Ach bha e an dèidh eh uair sa mhadainn nuair a chaidh e dhan leabaidh. | 
| F982 | 
Mmhm.
//So cuin a chaidh e sìos an di- An robh air a an robh e shìos tràth an-diugh// | 
| M981 | 
//Bha e shios rudeigin trath aidh.// | 
| F982 | 
och ma-tha
mmhm.
Tha mi an dòchas gum [?]mair[/?] i nas bu chiùin an-diugh na bha i an-raoir.
//[neo-shoilleir]// | 
| M981 | 
//Bha gu math na bu chiùin ach.//
//Bha i fuar an-dè an seo dìreach.// | 
| F982 | 
//Oh bha i dìreach rough.//
//Bha i  dìreach brònach uile gu lèir.// | 
| M981 | 
//A'ghaoth deas a bha sin a' ghaoth deas thàinig i an uair sin on eara-dheas//
//[tarraing anail]// | 
| F982 | 
//[tarraing anail]//
//Uh-huh so sin agad a-nist.// | 
| M981 | 
//mmhm.//
[tarraing anail]
Sin agad e so.
'S dòcha gum feum mi fhèin an similear a ghlanadh a-màireach tha
tsk
//beagan dhen cheò a' tilleadh orm. Blowdown agam.// | 
| F982 | 
//[neo shoilleir]// | 
| M981 | 
tsk
Leis a' ghaoth deas tha sin so tha mi a' smaoineachadh gu bheil e. | 
| F982 | 
Co nì dhut e? An e Aonghas a nì dhut e? | 
| M981 | 
Ach cuiridh mi Dùbhghall Mòr eh
//so 's cha dèan mi fhèin stem air a dhol suas aidh// | 
| F982 | 
//Oh aidh of course tha Dùbhghall tha Dùbhghall air holiday.//
//[tarraing anail]// | 
| M981 | 
//dìreach.//
Fhad 's a gheibh mi
an gnothach gu h-àrd a dhèanamh nì mi.
//Oh dìreach mach air a' bhocsa is nì mi na flues timcheall so.// | 
| F982 | 
//Dè tha thu a' dèanamh ach a bheir a-mach air a' bhocsa.// | 
| M981 | 
[tarraing anail]
Bheir mi an t-suith às.
[boladh] [tarraing anail]
//Math airson a' gharraidh. Direach an ath rud 's e starteadh air trìseagadh// | 
| F982 | 
//[neo-shoilleir]// | 
| M981 | 
[tarraing anail]
//Tha.// | 
| F982 | 
//Nach d'fhuair mi dìreach leabhar a-staigh an-dè le na leis.// | 
| M981 | 
An e Marshalls a bh' ann? | 
| F982 | 
Chan e Marshalls idir a th'ann.
//[casad]// | 
| M981 | 
//Nach d'fhuair mi fear tha Marshalls Cambridge tha iad a' cur thugamsa leabhar a h-uile bliadhna agus eh//
//Cha do dh'fhosgail// | 
| F982 | 
//Bheil sin a-staigh mar-tha?//
//Oh tha// | 
| M981 | 
//Aidh fhu-fhu- ' sann an-dè a fhuair mi e.//
//Uill chan e craobhan.// | 
| F982 | 
//craobhan 's a-uile dad dìthein is a h-uile dad//
//tha// | 
| M981 | 
//Bha.//
//Am faca tu am pìos.// | 
| F982 | 
//planntrais 's// | 
| M981 | 
Am faca tu am pìos a chuir mi ehm
mach air an aghaidh an sin
le
daffodils 's an gnothach tha sin 's tulips tha iad dìreach mu òirleach bhon talamh a-nist. | 
| F982 | 
Mar-tha? | 
| M981 | 
Oh dìreach air beulaibh an taighe an siud.
//Ma choimeadas.// | 
| F982 | 
//Thi tha iad rudeigein tràth. A bheil?//
//'S dòcha gu bheil an t-sìde. Bha an t-sìde an dèidh a bhith cho blàth.// | 
| M981 | 
//Chan eil fhios agam. Tha an t-side t-side cho blàth.//
//[neo-shoilleir]// | 
| F982 | 
//Chan àbhaist. Chan àbhaist sin//
sin a bhith troimhe gu Jan deireadh January
//[?]rudegin[/?].// | 
| M981 | 
//Uill tha iad a' tighinn troimhe an-dràsta agus eh//
Tha shìos aig a' chùl agam an sin tha
beagan uinneagan agam.
Chan e hothouse a th'ann idir ach tha
gnothach nan daffodils tha iad mun àird sin ach cha tig na dìthein orra airson.
Och dà mhìos eile tha mi an dòchas. | 
| F982 | 
Dhia tha sin tràth.
//Eh.// | 
| M981 | 
//A bheil thu ag iarraidh beagan dhen a.// | 
| F982 | 
Thi tha tòrr daffodils agams air a'chù- Nach do
//fhuair mi an-uiridh 's cha do chuir mi e fhathast uill chuir mi pàirt dhe ach cha do chuir mi idir ach cha do chuir mi uilig fhathast iad.// | 
| M981 | 
//Uh-huh//
//mmhm.// | 
| F982 | 
//Tha mi a' dèanamh cinnteach gun tig iad siud troimhe an-toiseach. [tarraing anail]//
Ach tha tòrr agam ann am poca fhathast tha mi cinnteach gu bheil iad air tòiseachdainn ri.
//Feumaidh mi coimead air.// | 
| M981 | 
//Tha mi fhèin an dèidh bhith eh a' cur eh//
càl a', mun tuirt iad, cal a' gheamhraidh, winter.
[tarraing anail]
Winter cabbage, tha mi air
//trì 's// | 
| F982 | 
//Na dh'fhàs,  An do dh'fhàs na sprouts agad am bliadhna?// | 
| M981 | 
Dh'fhàs. A bheil thu ag iarraidh feadhainn aca? | 
| F982 | 
Oh tha mi, uill tha feadhainn agam a-staigh.
//[neo-shoilleir]// | 
| M981 | 
//Tha fhios agam gun tug e Geordie sin a-nuas na. [tarraing anail]//
//Tha iad dìreach ainmeil.// | 
| F982 | 
//[leigeil anail]// | 
| M981 | 
Tha iad cho
//làidir 's an gnothach sin.// | 
| F982 | 
//A bheil iad math?// | 
| M981 | 
'S an aon duilgheadas 's e a' ghaoth a chuireas iad romhad. | 
| F982 | 
Sin agad e. Ach uill.
//[tarraing anail]// | 
| M981 | 
//[tarraing anail]//
//tsk Ach sin agad e dìreach ach biodh ah ba-// | 
| F982 | 
//Sin agad mar a tha so.// | 
| M981 | 
Sin agad a' tòiseachadh a dh'aithghearr.
[tarraing anail]
Far an robh am buntàta an-uiridh feumaidh mi a chur as a ' chèile is.
[tarraing anail]
Tha. | 
| F982 | 
Feumaidh sinn an sead tha sin a ghlanadh a-mach cuideachd.
//[tarraing anail]// | 
| M981 | 
//Sin rud a dh'fheumas mi iarraidh ort dìreach eh.//
//Bucaid no dhà innearach// | 
| F982 | 
//A bheil thu ag iarraidh bucaid inneir?//
//Rud tha.// | 
| M981 | 
//Oh tha.//
//Bidh iad sgoinneil.// | 
| F982 | 
//Bidh e math 's tha e rud tha e mu na feedrings tha sin bidh e dìreach powerful.//
//[tarraing anail]// | 
| M981 | 
//Agus 's dòcha bucaid aig an Druim Dhubh airson a//
tha rùbrab
//mmhm.// | 
| F982 | 
//Oh aidh right uh-huh.//
//Ma-tha tha còir aig an stuff ud a bhith gu math tha còir aige bhith glè mhath. Tha e rudeigin compact.// | 
| M981 | 
//Oh tha e dìreach bidh e air gro- bidh e.//
//Bidh e air grodadh.  Bidh e air grodadh a-mach so.// | 
| F982 | 
//Bidh e air grodadh.//
//Mm so.// | 
| M981 | 
//[tarraing anail]//
Sin a chuireas am blas air na gnothaichean tha sin.
[tarraing anail]
//Oh aidh, uill.// | 
| F982 | 
//An dèan thu ach a chur air an-dràsta dìreach? [?]uill[/?] ma chlìoras iad air an t-seachdain-sa tighinn i//
//[neo-shoilleir]// | 
| M981 | 
//Aidh.//
Dìreach mm an t-seachdainn seo tighinn dìreach.
Tha bucaid no dhà air fhàgail agam a-muigh an sin.
Agus eh.
'S dòcha ma bhios mi shuas a-màireach na
toiseach na seachdain gum faigh mi bucaid no dhà an urra airson a chur air a'
rùbrab aig an Druim Dhubh.
//[tarraing anail]// | 
| F982 | 
//Mmhm//
//'S dòcha gun dèan mi fhìn gàrradh beag am bliadhna.// | 
| M981 | 
//Tha furasta gu leòr. Tsk.// | 
| F982 | 
Ma gheibh mi ga chladhach tha e c- far am b'àbhaist an t-seann shìtig an t-sìtig a sin a bhith.
//Tha mi a' smaoineachadh gum biodh e math dhà-rìreabh nam biodh e air a// | 
| M981 | 
//Bhiodh.// | 
| F982 | 
mullach eh tha
//feur air a bheir dheth is an uair sin// | 
| M981 | 
//Aidh mmhm.// | 
| F982 | 
's dòcha weed-killer no rudeigin a chur air airson tha beagan feanntagan ann 's
[tarraing anail]
//a chlìoradh tha mi a' smaoineachadh gum biodh e math dha-rìreabh airson gàrradh.// | 
| M981 | 
//Sin agad e. 'S e na feanntagan a nighe agus eh brot a dhèanamh leotha nach eil iad.//
//làn iarann is an gnothach tha sin// | 
| F982 | 
//Mmhm.//
//Cha tig an dìle latha!// | 
| M981 | 
//[gàire]//
[gàire]
//mmhm.// | 
| F982 | 
//Sin agad a-nist so.// | 
| M981 | 
So ach chan eil dad eile a' dol.  A bheil thu
[tarraing anail]
[tarraing anail] | 
| F982 | 
Och chan eil not a thing.  Chan eil mi a' smaoineachadh gu bheil dad.
[slugadh]
//Tha feum agam ri dhol a-staigh a dh'obair Diluain airson treiseag bheag a-rèir choltais.// | 
| M981 | 
//Cia-//
A bheil | 
| F982 | 
Tha 's an t-àite dùinte chan eil fhios agam carson.
//[casad]// | 
| M981 | 
//[tarraing anail]// | 
| F982 | 
tsk
So tha mi a' creidsinn gum feum sinn a dhol a-null airson.
[tarraing anail]
//Uair no dhà air choireigin.// | 
| M981 | 
//[leigeil anail] Ach uill sin agad e Ciamar a//
//an teine mònadh agad a' dol? A bheil? Tha blàths sa mhòine siud.// | 
| F982 | 
//Tha math dha-rìreabh. Uill tha i dìreach. Eh? Tha i sgoinneil.//
//Tha. Chan eil e gu diofar.// | 
| M981 | 
//Tha beagan [?]luath[/?] ruadh ann am pàirt dhith.//
Coimhead an stòbha sin na chuireas mi.
Tha mise a' cur beagan gual air.
[tarraing anail]
//Agus an uair sin ga lìonadh suas le mòine// | 
| F982 | 
//Tha.//
//Tha na chuireas tu beagan gual is an uair sin a lìonadh suas tha e dìreach.// | 
| M981 | 
//oh tha e dìreach.// | 
| F982 | 
[slugadh]
//Cha do dh'usaig sinn am fear.// | 
| M981 | 
//Blàths 's//
//[srùbadh]// | 
| F982 | 
//Leth bucaid gual an-dè 's àbhaist cha 's àbhaist dhomhsa//
//co-dhiù dà bhucaid gual a chur dhan stòbha siud.// | 
| M981 | 
//[srùbadh]//
//Thi ach bha bha Robert ag innse dhomhsa gun do// | 
| F982 | 
//[casad]// | 
| M981 | 
chuir sibh fortan ann an gual. | 
| F982 | 
Chos- tha sinn air
tunna a chosg ann am mìos | 
| M981 | 
Tha sin [leigeil anail] | 
| F982 | 
Tha e còrr 's dà cheud nòt an tunna.
//So.// | 
| M981 | 
//[cnag] [cnag] [cnag]//
//Tha mi an dòchas nach bi 's// | 
| F982 | 
//Och cha bhithear a' dol tro uidhir a' ghuail a-nis [?]tha[/?] ann ach.//
Och cha bhi.
//Ch-// | 
| M981 | 
//bi- Feumaidh sibh dhol a-mach//
uill feumaidh.
Tha mise coma. Thèid mi mach gu
tha.
Tha beagan mònadh a dh'fhàgadh ris na taobhannan
rud a th' air.
//Chan e pronnadh.// | 
| F982 | 
//An robh i fliuch? An robh?//
Oh air pronnadh? | 
| M981 | 
Agus i cho cruaidh is cho dubh
tha bheil cuimhne agad far an robh fèithe mhòr shuas?
[tarraing anail]
Fhios agad a bha mar gum biodh a. | 
| F982 | 
Shuas pìos? | 
| M981 | 
Shuas pìos a | 
| F982 | 
Bha mòine chruaidh dhubh right aig eh
//tha. Tha fhios agam a-nis. Bha// | 
| M981 | 
//Bha doc ann.//
//Doc mòr.// | 
| F982 | 
//Bha.// | 
| M981 | 
O uill nach deach an tractar mòr ron sin.
//'S call nach tuirt. Cha robh och// | 
| F982 | 
//Bha mise a' smaoineachadh gun robh iad air dhol nuair nach robh sibh a' tighinn dhachaigh bha mi a' smaoineachadh gun robh sibh air a dhol am poll.//
//Cha robh fhios agam o Chruthaigheachd?// | 
| M981 | 
//'S call nach robh 's e call nach robh camara againn airson gum faiceadh tu na//
gnothach a bhideo.
Tha i dìreach ainmeil an uidheam tha sin air na beinn.
//Tha fhios nam biodh nam biodh an trailer mòr air a bhith againn.// | 
| F982 | 
//Bha mise cinnteach gun robh sibh air a dhol// | 
| M981 | 
Bha sinn air a cur ann uilig
//[srùbadh]// | 
| F982 | 
//'S ann bha e cho fliuch eadhon aig deireadh an t-samhraidh a-muigh an sin 's bha mi a' ràdh o bha  e dìreach. Bha mise a' smaoineachadh nach fhaigheadh fàd far a' pholl gu bràth.//
Uill ged na- nach fhaigheamaid fàd dheth am bliadhna co-dhiù ach
//ach sin agad mar a tha.// | 
| M981 | 
//[?]beagan chnapan[/?] den t-seana-mhonaidh//
thall fada
//c- coltach nach robh aidh.// | 
| F982 | 
//Tha i fliuch tha sin fliuch a-muigh an sin. Far an robh na na cruachan a dhèanamh.// | 
| M981 | 
Mar a chaidh eh
[tarraing anail]
an trailer fodha dhan a'
dìreach eh dhan aigeann.
//Dhùin Robin a shuilean is bha dùil aige gun robh an gnothach// | 
| F982 | 
//an gnothach finished.//
//[casad]// | 
| M981 | 
//Finished ach.//
'S ann eh fear dhan a'
uill am machine ga gheàrradh, fhios agad?
[tarraing anail]
fear dhe na strìochan a sin tha i
//oh chaidh ise, chaidh ise// | 
| F982 | 
//Oh feumaidh gun deach, saoil an deach i, an taidheir?//
//An robh, an robh an fhaiceadh tu far an robh a'mhachine air a' mhòine a bheir às?  An robh i a' lìonadh le uisge// | 
| M981 | 
//a h-uile [neo-shoilleir]//
Le uisge? Thàinig spùt mòr uisge is dh'fhalbh cnap mòr poll.
Tha e coltach ri ice-berg a-nist.
[tarraing anail]
//Fhios agad mar a thàinig an cnap [neo-shoilleir]// | 
| F982 | 
//mmhm// | 
| M981 | 
Ch- chan eil ehm.
[tarraing anail]
Nam biodh an trailer mòr air a bhith aig John Allen cha robh e
dìreach mark fhàgail ann, tha mi a' smaoineachadh. | 
| F982 | 
[tarraing anail]
Chan eil na. | 
| M981 | 
Thoireadh nuair a thug sinne a' mhòine aca gu Mòrag Bheag.
//[tarraing anail]// | 
| F982 | 
//[tarraing anail]//
Nist 's ann air an taobh eile dhen. | 
| M981 | 
Tha e faisg air a'pholl aig Mòrag Bheag ach bha sinn an uair sin. | 
| F982 | 
Bha sibhse. Tha sin cho cruaidh shuas an sin. Tha e cus nas tioraime nach eil?
'S ann taobh Sholais a tha poll Mòrag Bheag.
//Far an robh a' mhòine againne nach ann?// | 
| M981 | 
//[neo-shoilleir]//
Ach tha a' mhòine
mòine an-uiridh chan e an-uiridh ach mur gum bhiodh an t-seana-mhonaidh.
//Tha i nas fhaisg air poll Mòrag Bheag agus tha glutaichean an sin. Tha i grànnda.// | 
| F982 | 
//Tha.//
//Tha sin r- Tha.// | 
| M981 | 
//Tha.//
//Ach mar a bha sibh am bliadhna, bha sibh a' dol sìos, sìos an  sìos an cnoc, tha sin cho sàbhailte 's a ghabhas e.// | 
| F982 | 
//Bha sinn a' tighinn na b'fhaide a-nuas ris an rathad, uill chun na h-aibhne.//
//Bha Chan eil mise a' smaoineachadh gun d'rachadh aig Kenny a dhol suas. Son bha e bog an-uiridh nuair a gheàrr. Tha mi a' smaoineachdh gun e sin a dh'fhag e ag geàrradh, a toirt as an leithid// | 
| M981 | 
//Mmhm aidh.// | 
| F982 | 
faisg air an abhainn a-bhos. | 
| M981 | 
Ach tha Kenny a' smaoineachadh gu bheil e nas sàbhailte
[tarraing anail]
uill sibhse far eil John Ailig ga buain
//oh ta-// | 
| F982 | 
//Ciamar? A bheil e air fàs bog?// | 
| M981 | 
Tha an t-eagal air Jo- Kenny an sin. | 
| F982 | 
oh a dhuine bhochd, och uill. | 
| M981 | 
[?]Agus tha sinn a' dèanamh, trailer mhòr[/?]
an oidhche na am fesgar a rinn do mhàthair
tì na beinne. | 
| F982 | 
Oh aidh.
[tarraing anail]
Oh ma-tha.
Oh 'S e job a th'ann. | 
| M981 | 
An aon rud tha ceàrr 's e tha an drochaid eh
//oh tha fibre ach.// | 
| F982 | 
//Uill tha i a' fàs rudeigin b- tha i air grodadh an [?]siber[/?] tha sin.// | 
| M981 | 
[tarraing anail]
Ach gheibh sinn pìob ah
pìoban
ri faighinn.
Fear tha shuas an rathad an sin an Sasannach.
Tha an t-eagal air a dhol tarsainn air leis a' landrover aige.
//Cha tèid.// | 
| F982 | 
//O cha tèid e idir se- tarsainn air?//
//Chan eil e chan eil e cho dona sin idir ch- toll beag// | 
| M981 | 
//Cha tèid. Chan eil, chan eil ann ach toll beag.// | 
| F982 | 
An d'fhuair esan a' mhòine aige uilig dhachaigh? | 
| M981 | 
Chan eil dìreach eh clue agam.
Idir. | 
| F982 | 
[casad]
tsk
//Tha, sin agad a-nist mar a tha so// | 
| M981 | 
//Mmhm.//
//Mmhm a bheil thu a' falbh dhachaigh mar-tha?// | 
| F982 | 
//'S fheàrr a-nist feuchainn air an taigh//
//'S fheàrr dhomh.// | 
| M981 | 
//Nach tu tha a' falbh dhachaigh tràth.//
//Dùil agam dìreach staoig mhòr a chur air a'// | 
| F982 | 
//[neo-shoilleir]//
//An do dh'ith thu an staoig agad?// | 
| M981 | 
//Cha do dh'ith mi chan mi a' dol ga ithe [neo-shoilleir]//
//Feumaidh tu// | 
| F982 | 
//Feumaidh tu feumaidh tu praidh-//
//eh oh gu dearbha.// | 
| M981 | 
//Feumaidh tu ùine a ghabhail airson sin ithe.//
//Feòil mhath bhlasta Uibhisteach tha siud.// | 
| F982 | 
//[neo-shoilleir]//
//Uh-huh.// | 
| M981 | 
//[tarraing anail]//
//Agus mar sin. Tha i  tha i organ- oh tha i organic eh// | 
| F982 | 
//[gàire] Tha i a' coimhead glè mhath co-dhiù//
[boladh]
//oh uill chan eil rathad nach eil// | 
| M981 | 
//mmhm.//
//tsk// | 
| F982 | 
//Ach anyway.//
//Right ma-tha so.// | 
| M981 | 
//Sin agad e ma-tha so//
//och aidh bidh sinn in.// | 
| F982 | 
//Fàgaidh mi thu agus chì mi a-màireach uaireigin thu//
in touch co-dhiù.
//Okay ma-tha [?]Dhòmhnaill Eòghainn[/?]// | 
| M981 | 
//Sin agad e.// | 
| F982 | 
Right. Oidhche mhath. |